Bochdainn connaidh bitheanta air an Taobh Siar

An Taobh SiarTùs an deilbh, Alan Reid/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Thuirt an dàrna leth de dhaoine ann an trì bailtean air taobh siar Leòdhais gu bheil iad a' fulang bochdainn connaidh no fìor bhochdainn connaidh.

Tha Urras Coimhearsnachd Horsiadair (HCDT) dìreach an dèidh buil an rannsachaidh bhliadhnail aca air cor an luchd-còmhnaidh ann an Siabast bho Dheas, Dail Beag agus Dail Mòr fhoillseachadh.

Chaidh ceistean a chur orra mu an cuid slàinte, biadh, bochdainn connaidh, teasachadh agus an cosnadh, am measg eile.

Leis gun do fhreagair 52 a-mach às na 74 dachaighean (72%) a fhuair ceisteachan, tha an t-urras misneachail gum faodadh gu bheil an dealbh a fhuair iad fìor ann an sgìrean dùthchail eile.

Thuirt an t-urras gur e naidheachd mhath a bh' ann cho math 's a bha am biadh a bha a' mhòr-chuid ag ithe ach gun robh freagairtean eile na adhbhar iomnaidh.

Thuirt an dàrna leth de dhaoine gun robh iad a' cosg co-dhiù 10% agus suas ri 20% de theachd a-steach na dachaigh airson na taighean aca a theasachadh - an tomhas oifigeil air bochdainn connaidh.

Thuirt cha mhòr 70% den fheadhainn a th' air an obair a leigeil seachad gu bheil duilgheadas aca an taigh a chumail blàth.

Tha an treas cuid de chlann-sgoile na sgìre agus trìuir a-mach à deichnear de dh'inbhich na sgìre a tha a' cosnadh a' fuireach ann an dachaigh far a bheil bochdainn connaidh na trioblaid.

Thuirt Gòrdan Mac Mhathainn, Oifigear Leasachaidh HCDT: "Tha na h-àireamhan a' fhuair sinn a' dearbhadh cho dùbhlanach 's a tha suidheachadh cuid sa sgìre.

"Tha sinn gu sònraichte draghail mu na thuirt daoine mu an cuid slàinte agus bochdainn connaidh," thuirt e.

A dh'aindeoin 's gu bheil teachd a-steach aig an urras bho chrann-gaoithe, thuirt iad nach eil sin a' dol faisg gu leòr air a bhith a' dèiligeadh ri co-ionnanachd connaidh na sgìre.

"Chruinnich sinn am fiosrachadh airson a chur an cois thagraidhean maoineachaidh.

"Tha sinn ag amas air barrachd phròiseactan slàinte a chur air dòigh ach tha e doirbh an t-airgead a lorg air an son," thuirt Mgr Mac Mhathainn.