Bochdainn connaidh as miosa an Alba sna h-Eileanan Siar?

- Air fhoillseachadh
Tha rannsachadh ùr a' sealltainn gur dòcha gur anns na h-Eileanan an Iar a tha an ìre de bhochdainn connaidh as àirde an Alba.
'S e a' bhuidheann taigheadais, Tighean Innse Gall (TIG), a rinn an rannsachadh agus thug iad ceisteachan don a h-uile dachaigh sa sgìre sa Ghearran 2023.
Fhuair iad 2,044 freagairtean bho mu 20% de dhachaighean bho gach ceàrnaidh.
Sheall buil an rannsachaidh gu bheil còrr is 80% de dhachaighean a' cosg còrr is 10% den teachd a-steach aca air teasachadh nan taighean aca, le 50% a' cosg 20% den teachd a-steach aca.
Thathar a' tomhas gu bheil 57% de dhachaighean sna h-Eileanan a' fulang bochdainn connaidh, le 44% a' fulang fìor bhochdainn connaidh.

Tha mòran de mhuinntir nan Eilean Siar a' fuireach ann an seann taighean a tha duilich a chumail blàth gu h-àraid san t-seòrsa aimsir as bitheanta sa sgìre
Thuirt mòran den fheadhainn a thug seachad freagairt nach eil airgead gu leòr aca an cuid taighean a theasachadh gu dòigheil.
Thuirt cha mhòr an treas cuid gum bi iad tric a' cuingealachadh na tha iad a' cleachdadh de dh'ola neo dealan airson an taighean a chumail blàth, neo gum bi iad a' cur dheth na siostaman teasachaidh aca buileach.
Thuirt 57% gun deach an dachaigh a thogail ro 1975, agus bha 21% air an togail eadar 1976 agus 1991.
Mar as àbhaist, tha na taighean seo nas duilghe a theasachadh neo ionsulaideagadh.
Tha aimsir nan Eilean Siar - le gaoth mhòr agus uisge bitheanta - a' cur ris an trioblaid.

Sheall an rannsachadh gu bheil mòran a' cur sìos an teas neo a chur dheth buileach leis cho doirbh 's a tha dhaibh na cunntasan cumhachd aca a phàigheadh
Thuirt TIG gu bheil an rannsachadh a' sealltainn cho doirbh 's a tha e do chuid de dh'eileanaich iad fhèin a chumail blàth agus airgead gu leòr a bhith aca airson sin a dhèanamh.
Thuirt Ciorstaidh NicLeòid, Stiùiriche Comhairle Cumhachd aig TIG: "Tha buil an rannsachaidh na adhbhar iomnaidh dhuinn ach chan eil e a' cur iongnadh oirnn leis gu bheil mòran a bharrachd dhaoine a' sireadh comhairle bhuainn agus taic ionmhais.
"'S e an rud as motha a tha a' dèanamh dragh dhuinn na tha de dhaoine a thuirt gu bheil iad a' cuibhreannachadh na tha iad a' cleachadh de chonnadh airson an dachaighean a theasachadh.
"Tha seo a' toirt droch bhuaidh air beathannan dhaoine agus staid an cuid thaighean cuideachd," thuirt i.