Treas ceann-là do Dhachaigh-Cùraim an t-Òib

Dachaigh-cùraim an t-ÒibTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ceann-là a thoirt do Dhachaigh-Cùraim an t-Òib anns na Hearadh airson piseach a thoirt air an t-seirbheis aca, airson an treas uair, a rèir aithisg bho Choimisean a' Chùraim.

Nochd an Coimisean aig a' ghoireas gun rabhadh air an 19mh agus an 20mh là den Fhaoilleach gus ath-sgrùdadh eile a dhèanamh.

Fhuaireas nach robhas air iarrtasan riatanach, a thàinig à dà sgrùdadh eile an-uiridh a choileanadh fhathast.

Tha an dachaigh-cùraim, a th' air a ruith leis an Eaglais Shaoir Chlèirich, a' toirt cùraim chòmhnaidh do suas ri 15 duine.

'S e an Giblean agus an Cèitean an-uiridh, na ciad chinn-là a chaidh a thoirt dhaibh airson piseach a thoirt air an t-seirbheis.

Chaidh iad sin a leudachadh chun an Iuchair 2025 agus a-nis chaidh an leudachadh a-rithist chun an 23 den ath-mhìos.

Tha na h-amasan a tha fhathast rin coileanadh co-cheangailte ri measaidhean slàinte agus planaichean pearsanta.

Ach fhuair Coimisean a' Chùraim cuideachd gun deach adhartas a dhèanamh.

Tha luchd-còmhnaidh agus an teaghlaichean toilichte leis an luchd-obrach 's leis a' chùram a thathas a' faighinn.

Chaidh luchd-obrach ùr fhastadh agus chaidh piseach a thoirt air modhan-obrach mu thimcheall chungaidhean-leigheis.

Ann am brath, thuirt Dachaigh-Cùraim an t-Òib gum bi an luchd-obrach ùr nan cuideachadh ann a bhith a' coileanadh nan leasachaidhean a chaidh a chur mun coinneimh ron cheann-là gun buaidh a thoirt air an àrd-ìre de chùram a thathas a' toirt seachad.