Duilgheadas aig Dachaigh-cùraim an t-Òib na dh'fheumas iad de luchd-obrach fhastadh.
Tha luchd-stiùiridh dachaigh-cùraim anns na h-Eileanan ag ràdh gu bheil fìor dhuilgheadas aca luchd-obrach fhastadh.
Tha an goireas anns an t-Òb air a ruith leis an Eaglais Shaoir Chlèirich ann am compairteachas le Comhairle nan Eilean Siar, agus tha 16 duine fon cùram ann an-dràsta.
Ach, tha e a' fàs nas duilghe dhaibh luchd-obrach a lorg.
Le barrachd, seo Murray MacLeòid.