Deasbad mu Flow Park Linne Mhoireibh aig Holyrood

Inbhir ÈireannTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha muinntir an àite draghail mun bhuaidh a bhiodh aig a' phròiseact air am beatha

  • Air fhoillseachadh

Thèid planaichean airson pròiseict chonnspaidich a stòras crainn-ghaoithe agus uidheamachd eile ath-nuadhachail ann an Linne Mhoireibh a dheasbad aig Holyrood Diciadain.

Bhiodh am 'Flow Park' cuideachd a' stòradh cumhachd bho thuathan-gaoithe, agus chumadh e crainn-ghaoithe ùra mus deadh an gluasad chun an cinn-ùidhe.

Thug Oighreachd a' Chrùin cead don phròiseact air làrach seachd cilemeatar far a' chladaich faisg air Inbhir Èireann agus a' Bhruaich.

Ach tha na planaichean air an fhearg a chur air iasgairean agus luchd-strì na h-àrainneachd, agus chaidh pàirt den phlana faisg air Inbhir Narann a leigeil às mar thà.

Tha dragh air luchd-gnothachais san sgìre gun tèid am pròiseact anns an rathad air an obair aca, 's gun atharraich e grunnd na mara.

"Bidh sinne an-dràsta a' ruith chùrsaichean seòlaidh agus chùrsaichean bàta-lùths ann am Bàgh Inbhir Èireann agus cuideachd a-muigh ann an Linne Mhoireibh," thuirt Sìne Chaimbeul Mhoireasdan, a tha na cathraiche air a' bhuidhinn iomairt No to the Flow.

"Dheadh na putaichean ean a chur san dearbh sgìre den linne anns am bi sinne ag obair.

"Bheir iad cuideachd buaidh air mar a ghluaiseas an sàl agus a' ghainmheach mun cuairt san sgìre, 's dh'fhaodadh gum fàg sin gun eabarraich am bàgh ri linn nam putaichean seo."

Thuirt i cuideachd gun cuireadh iad bacadh air grunn ghnothachasan a bhith a' faighinn gu sgìrean far am bi iad ag obair.

Measadh Buaidhe

Dh'iarr BPA Tòraidheach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Dùghlas Ros, deasbad sa Phàrlamaid feasgar Diciadain mun phròiseact.

Tha esan ag iarraidh air a' chompanaidh a th' air a chùlaibh, Offshore Solutions Group, a bhith cho fosgailte 's a ghabhas mu na tha nam beachd, agus a dhol an sàs ann an còmhraidhean mun chùis.

Tha dùil gun can Mgr Ros cuideachd gun deach £2m bho Iomairt na h-Alba a chomharrachadh airson a' phròiseict mar thà.

Thuirt a' chompanaidh gun tèid measadh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean ri teachd air a' bhuaidh a dh'fhaodadh na planaichean aca a thoirt air an àrainneachd, le co-luadar an lùib sin.

Thuirt labhraiche na companaidh cuideachd gun robh na planaichean aig ìre thràth, ach gu bheileas a' sùileachadh gum faodadh leithid de phròiseact mu £126m a chur ris an eaconomaidh ionadail, le 60 cosnadh làn-ùine na chois.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum biodh oifisean aca san sgìre far am faodadh daoine tighinn a bhrudhinn riutha, 's gum biodh ro-innleachd mhaothachaidh aca airson dèiligeadh ris na draghan a th' air daoine.