Dragh mu phàirc chrann-gaoithe far chladach Linne Mhoireibh

Tràigh Inbhir ÈireannTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air coimhearsnachdan timcheall cheann a-staigh Linne Mhoireibh mu phlanaichean fon deadh pàirtean de chrainn-ghaoithe a chur air acair aig dà làraich far a' chladaich.

Dh'fhaodadh gun tèid bunaitean mòra chrann-gaoithe air an dèanamh de mheatailte no de choncrait a shuidheachadh far Inbhir Narann, Cuilbin agus Inbhir Èireann

Tha an luchd-leasachaidh, Offshore Solutions Group (OSG) ag ràdh gu bheil am plana, ris an can iad Moray Flow-Park, aig ìre thràth 's gun tèid co-chomhairle phoblach a chumail sa bhliadhna ùir.

Ach chuala coinneamh phoblach ann an Inbhir Èireann dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh e toirt air an iasgach, air turasachd agus air fiadh-bheatha.

Thug Oighreachd a' Chrùin cead sealadach do OSG rannsachadh a thòiseachadh air na làraichean.

Mucan-mara Bolg-shrònach

Fo na molaidhean, dheadh na bunaitean - a tha mu 100m (328tr) de dh'fhaid 's de leathad agus 35m (115tr) de dh'àirde - a chumail air acair eadar còig agus 27 là, sa Gheamhradh gu h-àraid.

Thuirt OSG nach deadh gin a chur ann aig àirde seusan na turasachd air tè den dà làraich - Moray Flow-Park a Deas, far Inbhir Narann.

Tha dragh gu h-àraid air buidhinn ghlèidhteachais gu bheil na làraichean am broinn sgìre SAC a th' air a comharrachadh air sgàth mhucan-mara bolg-shrònach.

Cha do chuir OSG riochdairean chun na coinneimh ann an Inbhir Èireann, ach thuirt iad gun robh fiosrachadh mun phròiseact air fhoillseachadh gu poblach 's gun deach a chur gu luchd-poileataigs agus Comhairle na Gàidhealtachd 's Comhairle Mhoireibh.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad a' cumail conaltraidh fhosgailte le buidhnean iasgaich 's gun do dh'iarr iad measadh buaidh àrainneachdail air na molaidhean aca.