Taghadh làrach Thobar Mhoire "laghail" a rèir ath-sgrùdadh laghail

- Air fhoillseachadh
Lean Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid pròiseas laghail ann a bhith a' taghadh làrach Thobar Mhoire airson àrd-sgoil ùr a thogail do Mhuile, a rèir bhritheimh.
Dh'iarr luchd-iomairt - a bha ag iarraidh gur ann am meadhan an eilein a bhiodh an sgoil ùr - ath-sgrùdadh laghail san Iuchar an-uiridh, 's iad ag ràdh nach robh a' chomhairle air conaltradh poblach a dhèanamh gu ceart mun chùis.
Cho-dhùin a' chomhairle a dhol air adhart le bhith a' togail àrd-sgoile ùir dhan eilean sa Ghiblean 2024.
'S ann ann an Tobar Mhoire a tha àrd-sgoil an eilein an-dràsta, ach bi clann san Ros Mhuileach, an iar-dheas an eilein, a' falbh a dh'Àrd-Sgoil an Òbain 's a' fuireach ann an ostal tron t-seachdain, leis gun toireadh e ro fhada dhaibh siubhal a Thobar Mhoire 's air ais gach là.
Bha pàrantan san sgìre sin airson 's gur ann san t-Sàilein, ann am meadhan an eilein, a dheadh an t-àrd-sgoil ùr a thogail, le bun-sgoil ùr a-mhàin ga togail ann an Tobar Mhoire.
Dùil ri breith cùirte mun phròiseas làrach àrd-sgoil ùr Mhuile a thaghadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 uairean
Deasbad mu àrd-sgoil ùir do dh'Eilean Mhuile
- Air fhoillseachadh7 An t-Samhain 2024
Suidheachadh Sgoil Mhuile sa chùirt
- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2025

Thuirt Tracy Mayo gum feuch a' bhuidheann obrach a bheil pàrantan airson tagradh an aghaidh co-dhùnadh Cùirt an t-Seisein
Chaidh fearann san t-Sàilein a thabhann air a' chomhairle airson na h-àrd-sgoile ùire.
Ach cho-dhùin a' chomhairle gur ann air an aon làraich air taobh a deas Thobar Mhoire a thogar na dhà.
Dh'innis britheamh aig Cùirt an t-Seisein Diciadain gun robh an t-ath-sgrùdadh laghail air co-dhùnadh gun deach làrach Thobar Mhoire a thaghadh a rèir an lagha., taobh a-muigh
Thuirt am britheamh, ged a ghabhadh dùbhlan cur ron phròiseas taghaidh, nach robh uallach sam bith air a' chomhairle conaltradh poblach a dhèanamh air cuid de phàirtean den phròiseas a bha connspaideach.
Chaidh maill a chur air obair air an làraich gus am biodh an t-ath-sgrùdadh laghail seachad.
Thuirt cathraiche Buidheann-Obrach Làrach Mhuile, Tracy Mayo, gum bruidhinn iad ri muinntir na coimhearsnachd a dh'fhaicinn a bheil iad airson ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh Cùirt an t-Seisein.