Sreapadairean air an toirt far Beinn Nibheis le heileacoptair

Heileacoptar a' sgèithTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha heileacoptaran à Steòrnabhagh is Inbhir Nis an sàs san iomairt

  • Air fhoillseachadh

Rinneadh cobhair air dithis air Beinn Nibheis ann an iomairt san robh Sgioba-Theasairginn Bheanntan Loch Abair agus dà heileacoptair nam maor-cladaich an sàs.

Thuirt na maoir-chladaich gun d' fhuair iad fios gun robh na sreapadairean gun comas dìreach neo teàrnadh air a' bheinn mu 18:20 oidhche Mhàirt.

Chaidh heileacoptaran à Inbhir Nis agus Steòrnabhagh a ghairm a-mach còmhla ri luchd-teasairginn nam beann a tha ag obair gu saor-thoileach.

Thuirt na maoir-chladaich gun robh an iomairt ullamh timcheall air 08:10 sa mhadainn Diciadain.

Tha Sgioba-Theasairginn Bheanntan Loch Abair air a bhith trang san t-seachdain a dh'fhalbh an dèidh dhaibh chobhair a dhèanamh air neach-coiseachd a bha glacte air sliabh cas eadar an t-Aonach Mòr agus Càrn Mòr Dearg.

Thug iad taic cuideachd do choisiche an dèidh dhaibh tuiteam aig An Steall Bhàn, agus rinn iad cobhair air neach-sreap a bh' air a ghoirteachadh ann an Gil 4 air Beinn Nibheis.