Iarrtas oifigeil gus airgead a chosg air Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' ChorrainTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd cead oifigeil bho Riaghaltas na h-Alba gus airgead a ghluasad 'son a chosg air bàta ùr a thogail do dh'Aiseag a' Chorrain.

'S e airgead a tha seo bho Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis is na Gàidhealtachd a bhathas an dùil bho thùs a chosg air leasachaidhean-rathaid san Longman ann an Inbhir Nis.

Chuala comhairlichean gu bheil cruaidh-fheum air aiseag ùr, a chosgadh £23m, is nam biodh an t-aonta ga dheasachadh an-dràsta, gum biodh soitheach ùr am measg nam prìomhachasan còmhdhail a bhiodh ann, air thoiseach air cearcall-rathaid an Longman.

Chaidh aontachadh air a' cheann-thall iarrtas oifigeil a dhèanamh gus an t-airgead a chosg air aiseag ùr.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba mar-thà gum biodh iad glè thoilichte coimhead ri amasan Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis is na Gàidhealtachd atharrachadh nam faigheadh iad iarrtas foirmeil bhon ùghdarras ionadail.

A thuilleadh air seo, dh'aontaich comhairlichean cuideachd £10m de dh'airgead-chalpa a shaoradh 'son a chosg air leasachaidhean bun-structar aig Aiseag a' Chorrain.

Bhiodh seo a' cur ri £20m a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air gealltainn dha na leasachaidhean à Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis is na Gàidhealtachd.