Moladh là dheth a bharrachd a dhiùltadh do luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd

Cluicheadairean ball-coise Nàiseanta na hAlba a' dèanamh gàirdeachais agus iad a' faighinn troimhe gu Cupa na Cruinne
Fo-thiotal an deilbh,

Cluichidh Alba aig Cupa na Cruinne airson a' chiad turas bho 1998

  • Air fhoillseachadh

Tha oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh nach tèid là dheth a bharrachd a thoirt do luchd-obrach an ùghdarrais ionadail mar chomharra air Alba a' cluich aig Cupa na Cruinne.

Tha Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt do luchd-fastaidh là poblach nàiseanta a ghairm Diluain an 15mh den Ògmhios, ach tha an co-dhùnadh deireannach an urra ri comhairlean, companaidhean agus buidhnean fa leth.

Cluichidh Alba a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinne ann an 28 bliadhna an aghaidh Haiti an là ron sin aig 02:00m an 14mh den Mhàrt.

A-rèir aithisg a thèid air beulaibh Chomataidh nan Goireasean Corporra chosgadh e £150,000 a bharrachd saor-là poblach eile a thoirt don luchd-obrach.

Bhiodh là a bharrachd dheth a' toirt buaidh, tha oifigearan ag ràdh, air seirbheisean riatanach mar togail-sgudail agus sgoiltean.

Tha iad ag ràdh gum faod luchd-obrach a th' airson an là a ghabhail dheth cur a-steach airson saor-là bliadhnail.

Bidh a' chomataidh a' coinneachadh Diardaoin an 19mh den Mhàrt, far an tig buill gu co-dhùnadh air a' chùis.

Thuige seo tha a' mhòr-chuid de chomhairlean na h-Alba air là dheth a bharrachd a dhiùltadh dhan luchd-obrach aca.

Nam measg tha Comhairle nan Eilean Siar a bhòt gu h-aona-ghuthach an aghaidh a bhith a' toirt là dheth a bharrachd seachad.

Thuirt Àrd-oifigear CNES, Malcolm Burr, gun robh iad a' moladh gun a dhol air adhart leis an t-saor-là a bharrachd "air adhbharan ionmhais gu mì-fhortanach".