Reform UK ag amas air cìsean a ghearradh an Alba

- Air fhoillseachadh
Bidh daoine an Alba a' pàigheadh nas lugha chìsean na daoine sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte, thuirt ceannard Albannach Reform UK, ma bhuannaicheas am pàrtaidh taghadh Holyrood.
Bha Malcolm Offord a' bruidhinn 's e a' cur manifesto Reform UK air bhonn aig tachartas ann an Siorrachd Rinn Friù.
Thuirt e gun gearradh am pàrtaidh na tha de bhannan cìse an Alba bhon t-sia a th' ann an-dràsta, gu trì, mar a tha sa chòrr den rìoghachd.
Thuirt e gu bheil Alba a' fulang le "cus chìsean agus cus rianachd".
Ghearradh iad na bannan 1sg san not, le bun-ìre 19sg, àrd-ìre 39sg, agus ìre 44sg os cionn sin.
Gheall e gun gearradh iad an uair sin na h-ìrean suas ri 3sg san not ro dheireadh na pàrlamaid.
"Tha an t-àm ann a-niste airson Reform UK ann an Alba comasan na h-Alba a leigeil mu sgaoil," thuirt e.
Coimisean an Fhearainn agus RET
Chuireadh Riaghaltas Reform aig Holyrood às do "na quangos" - buidhnean poblach aig astar bhon riaghaltas a tha a' dèiligeadh ri poileasaidh.
Chan eil e soilleir an toireadh seo buaidh air Bòrd na Gàidhlig. Dh'ainmich iad gu sònraichte Coimisean an Fhearainn agus Foghlam Alba.
Chuireadh iad cuideachd às do dh'ath-leasachadh an fhearainn, bhrosnaicheadh iad togail thaighean ann an sgìrean dùthchail, agus chuireadh iad stad air poileasaidh fo nach bi boilearan ùra ola ceadaichte ann an taighean an sgìrean dùthchail.
Mhol iad cur às de sgeama an RET air na h-aiseagan cuideachd, fo bheil an riaghaltas a' pàigheadh airson cosgais thiceadan aiseig a chumail aig an aon phrìs 's a bhiodh air an t-astar mar a dhràibheadh.
Net Zero is In-imreachas
Thuirt Mgr Offord gu bheil poileasaidh Net Zero Riaghaltas na h-Alba air a dhol ceàrr, 's gur e am "fèin-chron as motha" a th' ann a bhith a' dùnadh sìos gnìomhachas na h-ola 's a' ghas sa Chuan a Tuath.
B' e mearachd a bha sin, thuirt e, 's bu chòir a chur ceart, airson cunntasan cumhachd dhaoine a ghearradh.
Gheall e fàs a thoirt air an roinn phrìobhaidich, agus gun gearradh am pàrtaidh ana-caitheamh airgid aig Holyrood.
Thuirt e gur e manaidsearachd nas fheàrr, seach barrachd airgid, a tha a dhìth air an NHS, le Coimisean Ath-leasachaidh Cùraim Slàinte na amas aig riaghaltas Reform.
"Cuiridh Reform ann an Alba aire NHS na h-Alba air euslaintich seach air manaidsearan," thuirt e.
Air foghlam, thuirt e gu bheil sgoiltean stàite "ann an èiginn".
Dh'fhàg e air Holyrood nach robh iad air feart a thoirt do dhuilgheadasan a tha in-imreachas ag adhbharachadh, le "ìre cho àrd 's a bh' ann riamh de srainnsearan" a' tighinn a Ghlaschu le cultaran agus cleachdaidhean eadar-dhealaichte.
Chuir e an cèill planaichean airson prìomhachas a thoirt do dhaoine ionadail airson taigheadas fhaighinn.
Dh'fhoillsich am pàrtaidh 73 tagraichean a bhios a' seasamh anns an taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba air an t-7mh là den Chèitean.