"Mura gabh an rùsgadh dè ghabhas dèanamh?"

- Air fhoillseachadh
Tha eagal air croitearan agus tuathanaich nach bi daoine gu leòr ann a nì rùsgadh nan caorach dhaibh bhon ath-bhliadhna leis nach bi cead aig rùsgadairean à dùthchannan eile tighinn a dh'obair san Rìoghachd Aonaichte mura bi bhìosa aca.
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' toirt a-steach nan riaghailtean bhìosa ùra agus iad an dùil gun tèid rùsgadairean Breatannach a chleachdadh.
Thuirt labhraiche Oifis na Dùthcha: "Fhuair an gnìomhachas taic fad 14 bliadhna airson luchd-obrach Breatannach a thrèanadh, an àireamh de luchd-obrach à dùthchannan cèin a lùghdachadh, agus airson luchd-obrach seasmhach a stèidheachadh anns an Rìoghachd Aonaichte."
Ge-tà, tha rabhadh ann nach eil gu leòr dhiubh sin gu bhith ann.

Chan eil daoine gu leòr am Breatainn le na sgilean airson na bhios a dhìth de rùsgadh a dhèanamh am beachd Raibeirt Dhòmhnallaich
B' àbhaist Raibeart Dòmhnallach, aig an robh fad iomadh bliadhna tuathanas am Baile nan Granndach, a bhith a' ruith cùrsaichean rùsgaidh.
Ge-tà, tha e ag ràdh gum biodh iad fortanach nan leanadh aonnan às gach seachdnar san obair an dèidh gach cùrsa.
"Cuideachd, nuair a thòisicheas tu 's dòcha gur e 50 neo 100 caora a nì thu san là, ach nì na balaich a tha a' tighinn a-staigh bho thall thairis 400 neo 500 caora.
"Mar sin, feumaidh tu ceathrar feadhainn ùra a dhol ris an obair seach aonnan de na balaich a tha a' tighinn a-staigh," thuirt e.

Tha Malcolm White ag ràdh nach dèan iad an gnothach às aonais rùsgadairean cèine
Thàinig nas lugha na 80 rùsgadair eadar-nàiseanta dhan dùthaich an-uiridh.
Tha dragh air Malcom White, a th' air a bhith a' ruith gnìomhachas rùsgaidh fad 35 bliadhna, gum faodadh na bu lugha tighinn bho seo a-mach.
Thuirt e gu bheil e fhèin agus cùmhnantaichean eile an Alba air a bhith an urra gu mòr ri rùsgadairean à thall thairis.
"Ged a tha barrachd rùsgadairean òga a' tighinn a-steach cha bhi sinn faisg air gu leòr," thuirt e.

Tha dragh air Dòmhnall MacLeòid gur dòcha gum bi aige ri a chuid chaorach a chur bhuapa
Ged a tha beagan mhìosan ann fhathast mus tèid inneal rùsgaidh no deamhas faisg air a chuid chaorach, tha slàinte bheathaichean na adhbhar iomnaidh do Dhòmhnall MacLeòid, aig a bheil croit an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.
Thuirt e: "Tha na caoraich fhathast rin rùsgadh agus mura gabh an rùsgadh dè ghabhas dèanamh?
"Mura h-urrainn dhomhsa na caoraich a rùsgadh, dè nì mi riutha? An gabh an cumail, neo am feum mi an reic?"