Bùth Lovats: "Cha robh càil an seo an toiseach"

Dolly Hogg
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dolly Hogg a' cuimhneachadh air an obair mhòir a rinn iad gus a' bhùth a stèidheachadh

LeShona NicDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àUibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha an teaghlach a th' air a bhith a' ruith bhùithdean Lovats an Uibhist airson faisg air 40 bliadhna gan cur air a' mhargaidh.

Cheannaich Bill agus Dolly Hogg seann bhùth a bh' air dùnadh aig a' Chàrnan an Uibhist a Deas ann an 1987, agus tè ann am Beinn na Faoghla an 2006.

"Cha robh càil an seo an toiseach, dh'fheumadh sinn tòiseachadh às ùr.

"Rinn sinn air ar socair is thug e ùine mhòr ga togail suas agus obair mhòr ri dhèanamh," mhìnich Dolly.

Stèidhich iad bùth far am faigh daoine gach rud a dh'fheumas iad - an leithid bìdh, stuth an taighe, dèideagan agus fiù 's taidhrichean airson a' chàir.

Tha iad a' gealltainn gun cùm iad orra a' frithealadh mhuinntir Uibhist gus an tèid an gnothachas a reic.

Donna Hogg
Fo-thiotal an deilbh,

Chunnaic Donna Hogg mar a tha iarrtasan an luchd-ceannaich air atharrachadh thar nam bliadhnaichean

Tha an nighean, Donna, a th' air a bhith ag obair còmhla riutha làn-ùine bho thill i dhachaigh bhon oilthigh, a' cuimhneachadh air na rudan as motha air an robh fèill uair.

"Bainne UHT, cha b' urrainn dhut cumail suas ris. Cèicichean agus briosgaidean cuideachd. Agus tòrr mòr flùr leis gun robh daoine a' bèicearachd aig an taigh an uair sin cuideachd," thuirt i.

Tha i fhathast ag ath-nuadhachadh an stuic a rèir iarrtasan an luchd-ceannaich.

"Tha daoine a' coimhead airson rudeigin ùr, diofraichte. Agus 's e as motha a tha daoine a-nis ag iarraidh toradh ionadail neo Albannach."

Bill Hogg
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Bill Hogg ag ràdh gun cùm iad orra ag obair gus an tèid an gnothachas a reic

Ann an 2006 ghabh an teaghlach an cothrom bùth ann am Baile a' Mhanaich a cheannach.

Bha i mar phàirt de choimhearsnachd an airm, ach air atharrachadh gu buidheann nàiseanta nuair a dh'fhàg na feachdan Uibhist.

'S e Bill Hogg a tha a' ruith sin, ach bha e a-riamh na amas aige dòighean a lorg airson prìsean a lùghdachadh.

Cheannaich iad earrannan sa bhuidhinn Nisa a tha a' cumail bìdh agus stuth eile ris na mìltean bhùithdean neo-eisimeileach am Breatainn.

"B' e dòigh a bha sin air na cosgaisean a thoirt a-nuas sna bùithdean don luchd-cleachdaidh sna h-eileanan."

Bùth Lovats
Fo-thiotal an deilbh,

Rinn an teaghlach oidhirp mhòr na prìsean a chumail cho ìosal agus a b' urrainn dhaibh

'S e adhbhar misneachd dhaibh gu bheil còrr is 30 duine air ùidh a nochdadh sa chola-deug bho nochd an sanas.

Dhearbh Bill gu bheil iad gu bhith a' cumail orra leis a' ghnothachas gus an tèid a reic.

Thuirt e: "'S dòcha nach bi Dolly ro thoilichte mun sin ach chan urrainn dhuinn an caochladh a dhèanamh!"

Ach an dèidh còrr is 60 bliadhna ag obair tha Dolly dhen bheachd gun do rinn iad gu leòr agus gum feum iad a leigeil seachad "fhad 's a tha beagan de shlàinte againn".