Naidheachdan 11:00m

Bàs le taic

Tha buidhnean carthannais air iarraidh gun rachadh piseach a thoirt air cùram aig deireadh beatha ann an Alba, às dèidh mar a chaidh bhòtadh an aghaidh bàs le taic aig Holyrood. Bha 69 ball air bhòtadh na aghaidh an-raoir 's 57 air bhòtadh air a shon.

Israel

Tha Israel air innse san uair mu dheireadh gu bheil iad air Ministear Seirbheis Brathaidh Iran, Esmail Khatib, a mharbhadh. Chan eil Tehran air sgath a ràdh thuige seo, seo ge-tà. Aig a' cheart àm, tha na Stàitean Aonaichte air cuid de na bomaichean as cumhachdaiche a th' aca a chleachdadh air làrach Iranianaich ri taobh Chaolas Hormuz, far a bheil urchairean cruise air an cumail.

An Ucràin

Tha an Ceann-Suidhe Zelensky air rabhadh a thoirt seachad gu bheil gainnead urchairean air an Ucràin a-nise tàilleabh na còmhstri san Ear-Mheadhanach. Thuirt e cuideachd gu bheil dàil air tighinn air còmhraidhean sìthe leis gu bheil focas an t-saoghail air Iran.

Angela Rayner

Thuirt an seann leas-phrìomhaire, Angela Rayner, gu bheil planaichean an riaghaltais gus a dhèanamh nas duilghe do dh'inimrichean fuireach san dùthaich "neo-Bhreatannach" agus a' cur earbsa an luchd-bhòtaidh ann an cunnart. Tha molaidhean ann gus toirt air inimrichean feitheamh suas ri deich bliadhna gus cead maireannach fhaighinn 'son fuireach, agus aig fògarraich ri feitheamh suas ri 20 bliadhna. Thuirt Rùnaire na Dùthcha Shabana Mahmood gun toir na molaidhean faochadh don sporran phoblach.

Menigingitis

Tha còig cùisean ùra de meningitis B air nochdadh ann an Kent is oifigich slàinte a' feuchainn ri dèiligeadh ri sgapadh marbhtach dheth. Tha iad sin a-nise a' toirt na h-àireimh gu lèir gu 20, 's dh'eug dithis dhiubh sin. Tha banachdach an aghaidh a' ghalair ga tabhainn air na mìlltean de dh'oileanaich aig Oilthigh Khent feuch bacadh a chur air an sgapadh.

Central

Tha an obair air tòiseachdain gus aghaidh an togalaich ri taobh Stèisean Meadhan Ghlaschu a thoirt a-nuas, às dèidh dha a bhith air a mhilleadh ann an teine bho chionn còrr air seachdain. Tha an stèisean rèile cuideachd air fosgladh gu ìre an-diugh, ged a tha pìos dheth dùinte fhathast.

Cathair-Bhaile Cultair na Rìoghachd Aonaichte

Chaidh Inbhir Nis ainmeachadh air an liosta-fhada 'son Cathair-Bhaile Cultair na Rìoghachd Aonaichte 2029. Tha naoi bailtean mòra ann, ach 's e prìomh bhaile na Gàidhealtachd an aon àite ann an Alba a th' air. Gheibh am baile a shoirbhicheas taic-airgid luach £10m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus bliadhna de thachartasan sònraichte a chur air dòigh.