Inbhir Nis san rèis airson tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair

Dealbh de mheadhan Inbhir Nis ann am beul an fheasgairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd am measg naoi àitichean a tha air an liosta-fhada airson inbhe Cathair-bhaile a' Chultair san Rìoghachd Aonaichte ann an 2029.

Bha 17 baile air ùidh a nochdadh san tiotal bho thùs.

Dh'innis Roinn a' Chultair, nam Meadhanan is na Spòrs aig Westminster gum faigh na naoi àitichean air a tha air an liosta-fhada £60,000 a-nise gus tairgse slàn a chur ri chèile.

Gheibh am baile-mòr a shoirbheachas air a' cheann thall duais £10m gus na planaichean aca a chur an sàs.

Bidh cuideachd duais-airgid £125,000 do thrì bailtean eile a bhios air a' gheàrr-liosta gus pàirtean den tairgse aca a thoirt air adhart.

A thuilleadh air Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd, seo na bailtean eile a bhios a' farpais airson Cathair-bhaile a' Chultair ann an 2029:

  • Blackpool

  • Ipswich

  • Middlesbrough

  • Milton Keynes

  • Portsmouth

  • Sheffield

  • Swindon

  • Wrexham

Fhuair ceithir bailtean-mòra an inbhe bho chaidh a stèidheachadh an toiseach.

'S iad sin Doire ann an 2013, Hull ann an 2017, Coventry ann an 2021 is Bradford ann an 2025.

Drònaichean air an cleachdadh gus dealbh a dhèanamh anns na speuran mar phàirt de Bradford 2025Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Drònaichean air an cleachdadh gus dealbh a dhèanamh anns na speuran mar phàirt de Bradford 2025

Thuirt cathraiche Pànal Eòlaichean Cathair-Bhaile a' Chultair, Sir Phil Redmond, gun d' fhuair na bailtean-mòra uile tòrr bhuannachdan às, is gu bheil an inbhe an-còmhnaidh na dòigh air daoine a thoirt còmhla is a bhith moiteil às na bailtean aca.

Tha fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e "là iongantach" a th' ann airson Inbhir Nis is airson na Gàidhealtachd.

Thuirt Bill Lobban gu bheil àite air an liosta-fhada na chomharra air cho beartach 's a tha cultar na sgìre.

Thuirt e gu bheil iad air an dòigh gluasad chun an ath cheum sa phròiseas.

Aig an dearbh àm, dh'innis Roinn a' Chultair, nam Meadhanan is na Spòrs gu bheil còrr is 230 baile air ùidh a nochdadh gu seo ann an tiotal Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2028.

'S e seo a' chiad turas a bhios an inbhe ann is am baile a gheibh an tiotal gus £3m fhaighinn airson sreath de thachartasan cultarail thairis air sia mìosan a thoirt seachad.

Am measg tha ag amas air an inbhe tha Steòrnabhagh.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan an t-seachdain seo chaidh, thuirt Leas-Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil "cothrom mòr againn tòrr adhartais a dhèanamh".