Tè-chiùil a chluich do Mhadonna ag ath-bheòthachadh mòd ionadail

Tha Jennifer Port ag ràdh gur e am mòd ionadail a bhrosnaich i a dhol na tè-chiùil phroifeasanta
- Air fhoillseachadh
Tha tè-chiùil phroifeasanta à Cataibh a' cur air dòigh mòd uair eile sa sgìre airson na h-aon chothroman a thoirt don òigridh agus a fhuair ise na nighean òg.
'S i Jennifer Port Cathraiche Mòd Ionadail Chataibh is Ghallaibh, a bhios air a chumail ann an Goillsipidh san Ògmhios airson a' chiad uair ann an 10 bliadhna.
Choisinn an clàrsair is seinneadair cliù nuair a chluich i aig banais Madonna agus Guy Ritchie ann an Dòrnach ann an 2000.
Mòd Ionadail gu bhith ann am Moireibh airson a' chiad uair
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2025
Mòd Ionadail ga stèidheachadh an Siorrachd Lannraig a Tuath
- Air fhoillseachadh24 An Gearran 2025
Mòd air Taobh Siar Rois an dèidh beàrn 10 bliadhna
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2025
Tha i ag ràdh gun robh a bhith a' farpais aig a' mhòd ionadail cudromach a thaobh mar a roghnaich i obair ann an saoghal a' chiùil.
Thuirt i: "Bha mi a' faireachdainn gun robh e air leth cudromach dìleab a chruthachadh agus cothroman a thoirt do chàch mar a fhuair mise.
"Gu mì-fhortanach thàinig crìonadh air ann an Goillspidh. Tha am Mòd Nàiseanta air a bhith an Goillspidh dà thuras agus, mar sin, 's e adhbhar tàmailt a bh' ann nach robh mòd ionadail ann tuilleadh."
Tha dùil gum bi mu 20 mòdan ionadail gan cumail air feadh na dùthcha am-bliadhna le na cinn-là airson feadhainn aca fhathast rin dearbhadh.
Anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, chaidh na fèisean beaga a stèidheachadh ann an àitichean far nach robh iad a-riamh.

Bidh am Mòd Ionadail a' tachairt ann an Goillspidh uair eile san Ògmhios
Thuirt Ms Port gur e a bhrosnaich i am mòd ann an Goillspidh ath-stèidheachadh a bhith na britheamh aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Loch Abar an-uiridh.
"Thuirt mi ris an duine agam gur e an aon dòigh agus a bhiodh an aon eòlas aig ar clann 's a bha agamsa nam phàiste 's e am mòd a chur air dòigh mi fhèin agus 's e sin a rinn mi!"
Bidh an tachartas ga chumail ann an Àrd-sgoil Ghoillspidh Disathairne an 6mh den Ògmhios.
Gheibhear fiosrachadh mun tachartas agus na mòdan ionadail eile air làrach-linn a' Chomuinn Ghàidhealaich., taobh a-muigh