£3m do Steòrnabhagh ma gheibh e tiotal Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte

Steòrnabhagh bhon Ghearraidh Chruaidh Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air tagradh a chur gu farpais ùr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson a dhol na chiad Bhaile Cultarail san dùthaich.

Gheibh am baile a gheibh an tiotal sin ann an 2028 £3m airson sreath de thachartasan cultarail thairis air sia mìosan a thoirt seachad.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum biodh an t-airgead sin mar dhòigh air roinn nan ealan sna h-eileanan a neartachadh.

Thuirt Leas-Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil "cothrom mòr againn tòrr adhartais a dhèanamh".

"Cothrom sònraichte againn"

Rinneadh càineadh air comhairlichean an dèidh mar a dh'atharraich iad an dòigh sa bheil na h-ealain gam maoineachadh gu h-ionadail.

Tha Mgr MacAonghais ag ràdh nach eil e fìor gun do gheàrr iad maoineachadh agus gu bheil "barrachd airgid airson cultair a' tighinn bhon Chomhairle am-bliadhna na bha an-uiridh".

Tha trì roinnean san fharpais do bhailtean de dhiofar mheudan - feadhainn le sluagh nas lugha na 20,000, bailtean meadhanach mòr le eadar 20,000 agus 75,000 duine agus feadhainn mhòra sa bheil còrr agus 75,000 luchd-còmhnaidh.

Thuirt an Comh. MacAonghais: "Chan eil teagamh sam bith ann, nuair a choimheadas tu ri baile Steòrnabhaigh, tha tòrr cultair agus cànain tarsainn air na linntean agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom sònraichte againn air a' chiad cheum a ghabhail."

Thuirt an Riaghaltas gu bheil an fharpais ùr ann an dèidh cho math 's a rinn an tè a chuir an Riaghaltas Làbarach air dòigh an 2009 airson Baile-mòr na Rìoghachd Aonaichte ainmeachadh.

'S ann air Doire/Londonderry, Hull, Coventry agus Bradford a chaidh an t-inbhe sin a bhuileachadh gu ruige seo.

Thuirt Lisa Nandy, Rùnaire a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs, gu bheil buannachdan maireannach air a bhith aig an tiotal dha na cathair-bhailtean sin.

Thuirt i: "A-nis, tha sinn a' togail air an t-soirbheachas sin agus a' sireadh a' chiad Bhaile Cultarail aig an Rìoghachd Aonaichte."

Feumaidh tagraidhean a' nochdadh ùidh sa phròiseas a bhith a-staigh ro dheireadh a' Mhàirt.