Leanaidh maoineachadh comhairle do na h-ealain sna h-Eileanan an Iar

Bha An Lanntair ann an Steòrnabhagh am measg nam buidhnean a bha an cunnart maoineachadh bhon Chomhairle a chall
- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich comhairlichean sna h-Eileanan an Iar gun lean iad orra a' cumail taic-airgid ri buidhnean is pròiseactan ealain san sgìre às dèidh iomairt bho ionadan leithid An Lanntair.
Bha buill comataidh an Leasachaidh Mhaireannaiche a' beachdachadh Dimàirt air aithisg a bha a' mìneachadh nach bithear tuilleadh a' toirt seachad timcheall air £110,000 sa bhliadhna do na h-ealain.
Tha trì bliadhna ann bhon cho-dhùin an t-ùghdarras ionadail gun tigeadh taic sam bith do na gnìomhachasan cruthachail à stòras Oighreachd a' Chrùin seach bhon sporran aca fhèin.
B' e fuasgladh eadar-amail a bha ann agus b' e adhbhar connspaid gur dòcha gun cailleadh na h-ealain taic-airgid na Comhairle buileach.
Ge-tà, ghabh comhairlichean ri moladh gun lean maoineachadh bho theachd a-steach Oighreachd a' Chrùin ach chan ann san aon dòigh 's a b' àbhaist.
"Tha luach againn sna h-ealain, an cultar agus a' Ghàidhlig," thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaiche, Dòmhnall Crichton, "agus tha sinn taingeil airson an obair mhìorbhaileach a tha iad a' dèanamh sna coimhearsnachdan."
Maoineachadh nan ealan sna h-Eileanan an Iar ga dheasbad
- Air fhoillseachadh3 An Gearran
Taic a' phobaill ga sireadh is na h-ealain sna h-Eileanan Siar "ann an cunnart"
- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach
A rèir suirbhidh a rinn a' Chomhairle fhèin b' e taic-airgid do na h-ealain as motha a bha an fheadhainn a thug seachad beachd ag iarraidh.
Dh'fhaodadh nach robh seo na iongnadh an dèidh mar a dh'adhbharaich an naidheachd gun robh maoineachadh nan ealan ann an cunnart connspaid mhòr.
Chaidh an Comhairliche Crichton às àicheadh gur ann "mar chlach às an adhar" a thàinig an naidheachd sin do na buidhnean.
Thuirt e gun robh iad a' toirt cothrom dhaibh fad trì bliadhna "an gnìomhachas aca a chur ann an òrdugh airson 's gum biodh iad deiseil airson seo tachairt".
"Tha sinn ag iarraidh a bhith taiceil agus 's ann airson sin a tha sinn a' cur seo air adhart," mhìnich e.
Leanaidh Comhairle nan Eilean Siar orra airgead a sgaoileadh bho stòras Oighreachd a' Chrùin ach bidh aig na diofar bhuidhnean tagradh a dhèanamh airson phròiseactan fa leth, seach maoineachadh coitcheann fhaighinn.
Tha dùil gun tèid aontachadh ris nuair a choinnicheas Bòrd a' Bhuidseit aig deireadh a' Ghearrain.