Fear fo chasaid an dèidh bàs boireannaich an Dòrnach

- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach aois 34 a chur ann an greim agus fo chasaid co-cheangailte ri bàs boireannaich ann an Dòrnach aig an deireadh-sheachdain.
Chaidh poilis a ghairm gu Morrison Court anns a' bhaile mu 4.40f Disathairne 21mh den Ghearran an dèidh mar a bhàsaich boireannach aois 46.
Tha dùil gun nochd am fireannach air beulaibh Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin 26mh den Ghearran 2026.