Ceist mhòr mu mhaoineachadh Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh

Tha sgaradh bheachd am measg chomhairlichean mu am bu chòir don ùghdarras ionadail a ruith agus a mhaoineachadh
- Air fhoillseachadh
Leanaidh Comhairle nan Eilean Siar orra taic-airgid a chumail ri Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh, ris a bheil iad an urra, airson bliadhna eile a dh'aindeoin nan sgaraidhean bheachd a nochd ann an deasbad mu dheidhinn.
Thuirt Ceannard na comhairle, Paul Steele, aig toiseach gnothaich: "'S e seo a' bhliadhna a dh'fheumas sinn cur romhainn a bheil sinn a' toirt taic dhan taigh-spadaidh no a' sguir dheth."
Chuala coinneamh de Chomataidh Poileasaidh agus an Stòrais Dimàirt nach robh maoineachadh goireas Steòrnabhaigh cothromach nuair nach robh seirbheisan sna h-eileanan eile a' faighinn taic na comhairle.
Ach chuala iad cuideachd rabhadh gum faodadh barrachd dhaoine a bhith a' spadadh aig an taigh nan cailleadh iad an goireas
Thuirt comhairliche Nis agus an Taobh Siar, Dòmhnall MacSuain: "Tha cunnart mòr ann gun caill sinn an ceangal ris an fhearann.
"Coltach ri ceist sealg a' ghuga - chan eil fhios aig daoine cò as a tha am biadh a' tighinn."
£50,000 de thaic do Thaigh-spadaidh Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh27 An Gearran 2025
Thig àrdachadh 15% air cosgaisean taigh-spadaidh Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh20 An t-Ògmhios 2024
Prìsean Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh ag èirigh
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2022
'S e Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh an aon fhear am Breatainn a tha air a ruith le ùghdarras ionadail.
Chan eil na h-uimhir ga chleachdadh agus a b' àbhaist agus cosgaisean a' dol an-àirde a h-uile bliadhna agus cha do rinn an goireas prothaid sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh - le dùil ri call aig deireadh na bliadhna ionmhais seo de £10,000.
Dh'aontaich buill na comataidh £60,000 a thoirt dha bho theachd a-steach Oighreachd a' Chrùin airson na bliadhna ionmhais 2026/27.
Thuirt comhairliche Bharraigh is Bhatarsaigh, Coinneach MacIllEathain gun robh e "anfhoiseil" taic a thoirt do ghoireas Steòrnabhaigh gun an aon seirbheis a bhith aca aig deas.
Bha ceist air cuid de bhuill mu am bu chòir do shubsadaidh na comhairle leantainn nuair a tha an sporran cho gann, agus iad ag iarraidh gum bu chòir coimhead air dòighean eile seirbheisean spadaidh a ghlèidheadh san sgìre air fad.
Dh'aontaich comhairlichean gum beachdaich Buidheann Obrach an Taigh-spadaidh air mar as urrainn don chomhairle taic a chumail ri goireasan spadaidh ann an Uibhist is Barraigh.
Thuirt comhairliche Uibhist a Tuath, Mustapha Hocine, gum bu chòir co-dhùnadh mu mhaoineachadh Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh san ùine-fhada a dhèanamh aig a' cheart àm 's a tha co-dhùnadh ga dhèanamh air seirbheisean do dh'Uibhist is Barraigh.