Naidheachdan 11:00m
Prìsean Cumhachd
Bidh prìsean gas agus dealain 7% nas lugha sa chumantas an Alba, Sasainn agus anns a' Chuimrigh bhon 1d là den Ghiblean. Bidh sin a' sàbhaladh mu £10 gach mìos do dhachaigh àbhaistich. Thuirt an riaghladair, Ofgem, gur e as coireach ri sin gu ìre gun do dh'atharraich an Riaghaltas mar a tha iad a' togail cuid de chìsean uaine.
Dòmhnall Trump
Chuir an Ceann-Suidhe Trump dìon air na rinn e dhan eaconomaidh 's thuirt e gun do thionndaidh e an dùthaich mun cuairt san òraid as fhaide riamh air Staid an Aonaidh. Bha e a' bruidhinn airson còrr is uair de thìde agus trì chairteal. Thuirt na Deamocrataich gu bheil Mgr Trump ga mhealladh fhèin.
Anndra Mountbatten-Windsor
Dh'innis poilis gun do chuir iad crìoch air rannsachadh aig seann dachaigh Anndra Mountbatten-Windsor ann am Berkshire. Chaidh esan a chur an grèim an t-seachdain seo chaidh fo amharas mì-ghiùlain ann an dreuchd phoblaich le fiosrachadh oifigeil a thoirt do Jeffrey Epstein, an t-eucoireach feise nach maireann. Tha Mgr Mountbatten-Windsor a' dol às àicheadh gun do rinn e dad ceàrr.
Dotairean Teaghlaich
Chuir Rùnaire na Slàinte, Niall Gray, dìon air clionaigean ùra "walk in" GP agus seirbheisean dotair-teaghlaich san fharsainneachd. Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd £34m a chosg air sgeama pìleit air 16 de chlionaigean ùra dham faod daoine coiseachd a-steach. Tha Colaiste Rìoghail nan Dotairean Teaghlaich ag ràdh gu bheil na h-ionadan sin cosgail agus gun dèan iad droch fheum de dh'airgead phoblach.
Manchester
Tha fear an grèim an dèidh aithris gun deach e gu mosg ann am Manchester an-raoir agus e a' giùlain làmhag, òrd agus sgian. Thuirt na Poilis nach robh iad a' dèiligeadh ris mar chùis ceannairc.
Earra-Ghàideal
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid am measg nan ùghdarrasan ionadail a tha a' coinneachadh an-diugh airson buidseat aontachadh. Bidh buill a' deasbad phlanaichean airson airgead a chùmhnadh leis gu bheil beàrn de £13m romhpa. Tha moladh ann airson àrdachadh 6% anns a' chìs-chomhairle.
Aiseag Bharraigh
Coinnichidh riochdairean às na h-Eileanan Siar an-diugh ri Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, 's ri Còmhdhail Alba a dheasbad suidheachadh nan seirbheisean aiseig. Tha sin an dèidh dha tighinn am follais gum faodadh bàta Bharraigh, an Isle of Lewis, a bhith air falbh airson trì mìosan eile airson càradh agus pàirtean dhith air meirgeadh gu dona. Bha dùil gun tilleadh i gu seirbheis air an 12na là den mhìos seo. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gun dèan iad an dìcheall gus nach tèid Barraigh fhàgail gun seirbheis aiseig choileanta.