Bliadhna nan Òran air dachaigh ùr fhaighinn aig Tobar an Dualchais

Fear le speal na làimh 's e na shuidhe air dlòthan coirce air am buain 's boireannach na suidhe ri thaobh. Coirce fhathast ri bhuain air an cùlaibh.Tùs an deilbh, Tobar an Dualchais
  • Air fhoillseachadh

Bidh 600 òran Gàidhlig rim faotainn air-loidhne, taobh a-muigh bho an-diugh le compàirteachas ùr eadar am BBC agus Tobar an Dualchais.

B' àbhaist do na h-òrain a bhith air an làraich-lìn Bliadhna nan Òran aig a' BhBC, agus an goireas ùr a' toirt a-steach faclan nan òran, a thuilleadh air clàraidhean-fuaime agus eachdraidhean-beatha nan seinneadairean 's nam bàrd a rinn na h-òrain.

Chaidh Bliadhna nan Òran a chur air bhog ann an 2010 mar phàirt de bhliadhna shònraichte de dh'òrain aig BBC Radio nan Gàidheal, agus rannsachadh mòr air a dhèanamh tro chlàraidhean ann an Tasglann a' BhBC.

Suaicheantas Bliadhna nan Òran

Thèid Clàr nan Òran Gàidhlig a chomharrachadh ann an diofar phrògraman air BBC Radio nan Gàidheal ann an Seachdain na Gàidhlig (23 Gearran – 1 Màrt), a' tòiseachadh le 'Mire ri Linda' aig 10:00m-12.00f an-diugh le Linda NicLeòid aig an stiùir.

Thèid am prògram a chraoladh bho stiùidio a' BhBC an Inbhir Nis le seinn bheò bho Chalum Ailig Mac a' Mhaoilein, Cairistìona Cheanadach, Donnchadh MacLeòid is Saffron Hanvidge.

A bharrachd air sin, bidh taghadh de chlàraidhean bho thasglann 'Bliadhna nan Òran' ri chluinntinn.

Bidh sgeulachdan agus naidheachdan mu na h-òrain, seinneadairean, is bàird a' nochdadh air 'Naoi gu Deich' madainn Dimàirt agus madainn Diardaoin

Eoghain MacLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh fiosrachadh mu sheinneadairean agus bàird an lùib a' ghoireis ùir

"Tha Clàr nan Òran Gàidhlig a' cur gu mòr ri làrach-lìn Tobar an Dualchais agus tha sinn fada an comain a' BhBC airson a bhith ag obair cuide rinn gus susbaint 'Bliadhna nan Òran' a ghluasad dhan làraich-lìn againn," thuirt Stiùiriche Tobar an Dualchais, Flòraidh Forrest.

"Tha an gluasad seo gu Tobar an Dualchais a' ciallachadh gum bi na h-òrain agus am metadata air a ghlèidheadh fad iomadh bliadhna ri thighinn."

Chaidh Bliadhna nan Òran a dhealbh bho thùs le Jo NicDhòmhnaill.

Thuirt Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach, gur e naidheachd air leth a th' ann gun d' fhuair an tasglann dachaigh ùr.

"Tha sinn cho toilichte gun deach an goireas iongantach, beartach is iomadh-chuimseach seo, a chaidh a chruthachadh le Jo NicDhòmhnaill agus a chleachdadh le mìltean de dhaoine thairis air na còig bliadhna deug a dh'fhalbh, ùrachadh agus gun d' fhuair e dachaigh iomchaidh aig Tobar an Dualchais.

"Bheir e cothrom do dhaoine òrain is fiosrachadh a lorg, ath-lorg agus a rannsachadh air 'Clàr nan Òran Gàidhlig."

Thèid an goireas a leudachadh thar nan seachdain ean agus nam mìosan ri teachd, gus goireas maireannach a chruthachadh do dhaoine air feadh an t-saoghail le ùidh ann an òrain Ghàidhlig.

Fhuair Tobar an Dualchais maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Maoin nan Ealan Gàidhlig, agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig a dh'ionnsaigh cosgaisean an leasachaidh.