Naidheachdan 10:00m
Anndra Mountbatten-Windsor
Cumaidh poilis ann am Berkshire orra a' sgrùdadh seann dachaigh Anndra Mountbatten-Windsor an dèidh mar a chaidh a shaoradh a-raoir agus e fo rannsachadh poilis. Chaidh a chur ann an greim fo amharas mì-ghiùlain ann an dreuchd phoblach nuair a bha e na thosgaire malairt do Bhreatainn. Chaidh fhàgail air gun tug e pàipearan oifigeil do Jeffrey Epstein. Tha e air a bhith a' dol às àicheadh gun do rinn e càil ceàrr ann an co-cheangal ri Epstein.
Co-labhairt nan Lib Deamach
Tha Lib Deamaich na h-Alba a' cruinneachadh ann an Dùn Èideann airson na co-labhairt earraich aca air thoiseach air taghadh Holyrood sa Chèitean. Bheir an ceannard Alex Cole-Hamilton òraid seachad an ceann grunn uairean de thìde far am bi e ag argamaid gu bheil am partaidh fhathast a' dèanamh rudan dha na daoine, fiù 's gun iad ach nan dùbhlanaich.
Orbex
Thuirt Ministear a' Ghnothachais Ridseard Lochhead gu bheil e dòchasach gum faighiste air grunn dhreuchdan a shàbhaladh aig a' chompanaidh rocaid Orbex a th' air a dhol ann an rianachd. Tha iad stèidhichte ann am Farrais. Thuirt Mgr Lochhead, ball an SNP do sgìre Mhoireibh, gun robh a' chompanaidh glè fhaisg air cead fhaighinn airson rocaidean a chur dhan iarmailt. Chaidh còrr air 150 dreuchd a chall aig a' chompanaidh.
Ionmhas an riaghaltais
Tha Oifis nan Statistaig Nàiseanta ag ràdh gun robh còrr air £30bn a bharrachd air sgàth chìsean ann an ionmhas an riaghaltais air a' mhìos mu dheireadh. Tha sin £16bn a bharrachd na an aon àm an-uiridh agus nas àirde na tha e air a bhith o chaidh clàraidhean a chumail gach mìos an toiseach ann an 1993.
Reic sna bùithtean
Thuirt an ONS cuideachd gun do dh'fhàs na chaidh a chosg anns na bùithtean barrachd na bhathar an dùil anns an Fhaoilleach. Chaidh na chaidh a reic suas 1.8% - sin an taca ri 0.4% anns an Dùbhlachd an-uiridh.
Qeuntin Griffiths
Chaidh am fear-gnothachais fasain Breatannach Quentin Griffiths, a bha am measg na stèidhich an làrach lìn Asos, a lorg marbh ann an Thailand. Thuirt na poilis an sin gun do thuit e as am flat aige air an 17mh làr de thogalach ann am baile Phattaya.