Dithis air am beatha a chall an tubaist air an A830 sa Chorpaich

Thachair an tubaist tràth sa mhadainn Disathairne air an A830 sa Chorpaich
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist rathaid mharbtach faisg air a' Ghearasdan air an deireadh-seachdain.
Fhuair iad fios mu 3:00 sa mhadainn Disathairne gun robh carbad na theine air an A830 sa Chorpaich.
Chaidh an teine a chur às agus fhuaireadh cuirp dithis am broinn a' chàir.
Cha do rinneadh aithne fhoirmeil orra fhathast, ach chaidh fios a chur air teaghlaichean fireannaich, aois 44, agus gille a bha 16 bliadhna de dh'aois.
Tha na poilis den bheachd a-nis gun do thachair an tubaist, anns nach robh ach Vauxhall Astra gorm an sàs, mu 1:45m.
Chaidh am prìomh rathad eadar an Gearasdan agus Malaig a dhùnadh airson còrr is 17 uairean de thìde fhad 's a rinn na poilis sgrùdadh air làrach na tubaiste.
Dh'fhosgail e às ùr mu 7:00f feasgar na Sàbaid.
Thuirt an Sàirdeant Calum MacAmhlaigh: "Tha ar smuaintean le càirdean agus caraidean an fheadhainn a bhàsaich san tubaist seo.
"Tha e riatanach gum faigh sinn a-màch dè dìreach a thachair agus dh'iarrainn air duine sam bith le fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn rinn.
"Nan robh sibh air an A830 an uairean beaga madainn Disathairne agus a chunnaic càil a dh'fhaodadh ar cuideachadh, thigibh air adhart.
"Tha mi cuideachd ag iarraidh air dràibhearan le dealbhan dash-cam den sgìre mun àm seo sùil a thoirt orra feuch a bheil càil ann."
Ma tha fiosrachadh agaibh thathar ag iarraidh gun cuir sibh fios air Poileas Alba air 101, taobh a-muigh .