Am Mòd gus tilleadh dhan Òban an 2028

- Air fhoillseachadh
Chaidh an t-Òban a thaghadh gu h-oifigeil airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028.
Bha Comataidh Poileasaidh is Stòrais Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mar-tha air aontachadh am baile a thaghadh aig coinneimh san Dùbhlachd.
Chuir an làn chomhairle taic ris a' ghluasad sin Diciadain is am Mòd gus tilleadh dhan Òban 'son a' chiad uair bho 2024.
Thuirt an Comhairliche Luna Martin, Stiùiriche Poileasaidh Gàidhlig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, gu bheil an t-ùghdarras ionadail air an dòigh am Mòd a thoirt air ais dhan Òban.
Thuirt i gun toir an tachartas buannachdan cultarail agus eaconamach dhan bhaile.
Urram às ùr air fear de dh'athraichean a' Mhòid
- Air fhoillseachadh14 An Dàmhair 2024
Buannachd £3.6m à Mòd an Òbain
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2024
'S ann san Òban a bha a' chiad Mhòd ann an 1892.
'S e 2028 an 18mh turas a bhios an tachartas sa bhaile.
"Gach uair a thèid sinn dhan Òban, dearbhaidh am baile a chliù mar 'Chreathail a' Mhòid'," thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Peigi NicIllinnein.
"Le comataidh ionadail èasgaidh an sàs is taic chudromach na comhairle is luchd-èisteachd Earra-Ghàidheil, tha fios againn gu bheil deagh Mhòd Nàiseanta Rìoghail eile air fàire."
Sheall rannsachadh gun do chuir Mòd 2024 £3.6m ri eaconomaidh sgìre an Òbain is faireachdainn ann gur e fìor dheagh Mhòd a bh' ann.
Moladh am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028 a chumail san Òban
- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2025
Mòd 2028 dearbhte dhan Òban
- Air fhoillseachadh4 An Dùbhlachd 2025
"Às dèidh Mòd soirbheachail ann an 2024, tha sinn a' coimhead air adhart a bhith ag obair cuide ri An Comunn Gàidhealach, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus a' choimhearsnachd air fad gus a bhith cinnteach gur e tachartas a dh'fhaodadh ar baile a bhith moiteil às a bhios ann am Mòd an Òbain 2028," thuirt Innes MacCuinn, Cathraiche, Comunn Gàidhealach an Òbain.
"Tha àite cudromach aig a' Ghàidhlig agus ar cultar ann an coimhearsnachd an Òbain agus tha sinn a' coimhead air adhart a bhith a' comharrachadh sin agus a' togail air ann an ullachadh agus lìbhrigeadh Mòd Nàiseanta 2028."
Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028 san Òban eadar an 6mh is 14mh den Dàmhair.
Tha am Mòd gu bhith ann an Glaschu am-bliadhna.