Moladh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028 a chumail san Òban

An t-ÒbanTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Mòd 2024 £3.6m ris an eaconomaidh ionadail san Òban agus mun cuairt

  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean ann an Earra-Ghàidheail is Bòd an taic a chur ri plana am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhith anns an Òban ann an 2028, ceithir bliadhna on bha prìomh fhèis na Gàidhlig sa bhaile mu dheireadh.

Thàinig an t-aonta eadar an t-ùghdarras ionadail agus an Comunn Gàidhealach, ris a bheil am Mòd an urra, gum bi an tachartas ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a h-uile trì bliadhna gu ceann sa Mhàrt am-bliadhna.

Ge-tà, ghabh Comataidh a' Phoileasaidh agus an Stòrais sa Ghearran ri moladh ann am prionnsabal a chumail san sgìre a-rithist, agus dh'iarr iad air oifigearan coimhead an e an t-Òban neo Dùn Omhainn an làrach a b' fheàrr a bhiodh ann.

Canaidh aithisg a bhios air beulaibh na comataidh an ath-sheachdain gur e an t-Òban a bu fhreagarraiche a thaobh na ghabhas prìomh thalla a' bhaile agus na tha de dh'àitichean-fuirich ann.

Tha Àrd-stiùiriche Roinn an Iomhais, Kirsty Flanagan, ag ràdh gun deach iarraidh air oifigearan "aonta a dhèanamh leis a' Chomunn taic-airgid luach £200,000 a thoirt dhaibh thairis air ceithir bliadhna".

Thuirt i: "Leigidh seo leis a' Chomunn planadh agus sanasachd a dhèanamh agus maoineachadh a bharrachd a lorg airson Mòd 2028."

Cluinnidh buill na comataidh gun do dhearbh Mòd an Òbain ann an 2024 "cho cudromach 's a tha e don Ghàidhlig agus gun do chuir e timcheall air £3.6m ris an eaconomaidh ionadail".

Tha dùil ri co-dhùnadh deireannach tràth ann an 2026.

Bidh Mòd na h-ath-bhliadhna ann an Glaschu, agus sna h-Eileanan an Iar ann an 2027.

Thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil iad mothachail air na còmhraidhean aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mu Mhòd 2028.

"Nì sinn fiughair ris a' cho-dhùnadh aig a' Chomhairle, a thèid a dhèanamh anns a' Ghearran, gus an urrainn planaichean an tachartais tòiseachadh", thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn, Peigi NicIllinnein.

"Tha dàimh gu math làidir aig Earra-Ghàidheal ri cànan is cultar na Gàidhlig agus e daonnan na sgìre air leth freagarrach."