Cìs na comhairle an Earra-Ghàidheal is Bòd suas 9.7%

Suaicheantas Earra-Ghàidheal is BhòuidTùs an deilbh, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an-diugh a' chìs chomhairle a chur suas 9.7%.

Thèid cunntasan na cìse airson taighean ann am Bann D suas mu £158 gu beagan is £1,783 sa bhliadhna.

Dhiùlt iad gabhail ri cuid de na geàrraidhean as connspaidiche a bh' anns an amharc aca.

Cha tèid na taighean-beaga poblach a tha iad a' ruith a dhùnadh is cha tèid na h-oifigearan àrainneachd aca a ghearradh.

Tha iad cuideachd an dùil barrachd airgid a chur ann am buidseat nan rathaidean agus gu slàinte is cùram sòisealta.

Bha oifigearan a' moladh àrdachadh de 6% sa chìs.

Bha a' chomhairle a' feuchainn ri beàrn còrr air £13m sa bhuidseat a lìonadh.

Cha deach gabhail ri sàbhalaidhean eile a bhathar a' moladh a bharrachd - leithid maoineachadh nas ìsle do Live Argyll agus nas lugha de shailleadh nan rathaidean tron gheamhradh.

Chuir an t-ùghdarras ionadail ma seach £6m airson Maoin Seasmhachd Sìde a bhios a' càradh bun-structair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo