Toll £16.4m am buidseat cùram is slàinte an Earra-Ghàidheal is Bòd

Tha dragh ann gum bi buaidh air na gheibh daoine de chùram nan dachaigh
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann gu bheil tuilleadh ghearraidhean air fàire do sheirbheisean slàinte agus cùram sòisealta ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd.
Cluinnidh Bord Amalaichte (IJB) na sgìre Diciadain gun deach iad còrr is £1m os cionn buidseat na bliadhna ionmhais seo, agus gu bheil beàrn còrr £16.4m romhpa an ath-bhliadhna.
Tha planaichean aca airson mu £6m a shàbhaladh ach bhiodh fhathast toll mòr sa bhuidseat aca.
Deasbad mu chùram san dachaigh an Earra-Ghàidheal is Bòd
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Lùghdachadh air cùram san dachaigh an Earra-Ghàidheal is Bòd
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Tha àrd-oifigear a' bhùird, Evan Beswick, ag ràdh nach eil rian nach bi "fìor dhroch bhuaidh air seirbheisean", agus fiù 's aig an sin nach tèid aca air am buidseat a chothromachadh.
Am measg na dh'fhaodadh tachairt 's e gun cuirear mullach air na dh'fhaodas daoine de chùram fhaotainn san dachaigh - ris an do chuir an IJB taic mar-thà.
Dh'fhaodadh cuideachd gum bi lùghdachadh air an àireimh luchd-cùraim sòisealta agus nach bi dreuchdan bàna air an lìonadh