TMF air £11m a chur ri eaconomaidh an eilein

- Air fhoillseachadh
Chaidh dearbhadh gu bheil Fèis Chiùil Thiriodh air £11m a chur ri eaconomaidh an eilein bho thòisich i o chionn 15 bliadhna.
Bidh an fhèis a' tàladh a dhà uimhir de dhaoine 's a tha a' fuireach san eilean gu Tiriodh as t-samhradh.
Bho thòisich i tha a-niste 26,000 duine air tighinn uile gu lèir, agus an fhèis ga cumail beag a dh'aona-ghnothach, gun ach 2,300 ticead rim faighinn.
Chuir fèis na bliadhna an-uiridh £1.6m ri eaconomaidh an eilein - barrachd na riamh roimhe.
- Tùs an deilbh, TMF

1 de 5
"Tha TMF air a cumadh a rèir aon phrionnsabail shìmplidh: a bhith a' fàs gu cùramach, a' fuireach beag, agus dìon a chur air na tha a' dèanamh Tiriodh sònraichte," thuirt stiùiriche ealain na fèise, Daniel Gillespie.
"Tha buaidh mhòr air a bhith aig an fhèis bho thòisich i, agus tha e na adhbhar moit duinn dha-rìribh a bhith air uiread a chur ri eaconomaidh agus saoghal cultarail Tiriodh thar nam bliadhnaichean."
Tha dùil gun tèid fiosrachadh fhoillseachadh mu cò a bhios a' nochdadh aig fèis na bliadhna seo fhathast.
Bidh an fhèis ann eadar an 10mh agus an 12na là den Iuchar.
Bidh ticeadan rim faighinn air liosta puist-d na fèise bho 5:00f Diciadain.



