Iain am measg na Fir-Chlis

Na Fir-ChlisTùs an deilbh, Màiri Riddoch
  • Air fhoillseachadh

Bha e goirid ro naoi uairean a dh'oidhche. Bha mi mar ròn air oir na mara, ach 's e bobhstair an t-seathar a bha fodham, seach corrachd creig - corrag thrang, mar bu dual, a' sgròbadh tro na meadhanan sòisealta nuair a chlisg mi.

Nochd dealbh cho dearg 's uaine 's gun do shaoil mi an toiseach gur e rud bhon Nollaig a bh' ann, a bha an algorithim air spùtadh air ais thugam. Ach, fuirich, cha robh uair a thìde ann bho nochd e, bho fhear air a bheil mi gu math eòlach.

Bha na Fir-Chlis, cho soilleir ri àrd an là, a' lasadh nan speuran aig Seonaidh MacCoinnich air taobh thall a' chnuic bhuam ann an Deimhidh.

A-mach dhan tug sinn, mi fhèin 's an nighean a b' òige, nar sluparan tron fheur reòite gu àrd a' ghàraidh. San spòt, bha e follaiseach gun robh na Fir Chlis, uill, follaiseach, 's nach robh feum air camara neo càil eile airson am faicinn.

Bha e follaiseach cuideachd, bho na h-aithrisean 's na dealbhan a bha a' sìor sruthadh air-loidhne, gun robh iad follaiseach thall 's a-bhos - bho thuath gu (agus 's e seo an t-iongantas) deas. Bha daoine gam faicinn ann an New Mexico - air crìochan a deas nan Stàitean Aonaichte.

Na Fir-ChlisTùs an deilbh, Allison NicIllEathain

CME Làidir

Feumaidh, a-rèiste, gun robh rudeigin cumhachdach air tachairt cha mhòr ceud millean mìle bhuainn, oir 's e a' ghrian as coireach gu bheil na Fir-Chlis againn idir.

Bidh iad a' gabhail "Aimsir Fànais" air. Bidh a' ghrian a' sruthadh a-mach phartaigealan rèididheachd air a bheil Gaoth na Grèine, an "Solar Wind", ach a h-uile ceann greis bidh spùtadh mòr làidir ann air a bheil "Coronal Mass Ejection" (CME) far a bheil sruth mòr, cumhachdach ga leigeil mu sgaoil.

Uaireannan, tha am planaid againne anns an rathad, agus bualaidh a' ghaoth sin anns an sgiath mhagnaiteach a tha gar dìon. Tha sin a' putadh a' mhòr, mhòr-chuid dhen rèididheachd seachad oirnn, ach ma tha an sruth làidir gu leòr, mar a tha CME, gheibh na h-uimhir dheth troimhe agus buailidh e anns an àile againn.

Na Fir-ChlisTùs an deilbh, Maree NicNeacail

'S ann nuair a bheir sin cioc dha na h-ataman ocsaidein agus naidhtroidsein àrd àrd os ar cionn, a tha dathan iongantach na Fir-Chlis a' nochdadh. Mar as làidire an CME, 's ann as motha dheth a gheibh troimhe, 's ann as motha ataman dham buail e, 's ann as follaisiche a bhios iad, 's ann as fhaide deas a ghabhas am faicinn.

Agus 's e sin dìreach a thachair an t-seachdain sa. Bha CME air leth làidir ann Là na Sàbaid 's ràinig sin sinn Diluain - thug e là do rud a bheir, mar as trice, dha no thrì làithean ar ruighinn - a' dearbhadh cho luath 's cho làidir 's a bha seo.

Cha ghabhainn iongnadh mar sin, gun robh iad ri fhaicinn fada, fada gu deas. Agus dha na solais a' deas, an Aurora Astralis, fada fada gu tuath.

Na Fir-ChlisTùs an deilbh, Marie Duke

Tachartas Charrington

Ge-tà, chan e a-mhàin solais bhrèagha agus fianais air neart na grèine a thig le na Fir Chlis. Faodaidh fìor chunnart a bhith ann cuideachd.

Ma tha iad làidir gu leòr, faodaidh CME mar seo cron a dhèanamh air siostaman dealain, saidealan 's eile, agus 's ann ri linn sin a tha buidhnean mar Oifis na Sìde ag ullachadh aithrisean air "Aimsir Fànais". Chan eil CME na seachdain seo air cron mar sin a dhèanamh, ach gu dearbha, tha iad comasach air. Tiugainn air ais gu 1859 agus gu rud air a bheil "Tachartas Charrington".

'S ann san t-Sultain air a' bhliadhna sin a thug na h-eòlaichean Riseart Carrington agus, gu neo-eisimeileach, Riseart Hodgson an aire gun robh sruth air briseadh bho uachdar na grèine. Bha ceannach againn air an làrna-mhàireach.

Chaidh Fir Chlis aithris thall 's a-bhos. Anns na Rockies ann an Aimeireaga, tha e air aithris gun robh iad cho soilleir 's gu do dhùisg e mèinnearan òir, a bha a' saoilsinn gur feumaidh gun robh madainn ann, 's thòisich iad a' bruich am breacaist.

Bha iad follaiseach ann am Meagsago agus fiù 's aig crios-mheadhan an t-saoghail, ann an Colombia.

Na Fir-ChlisTùs an deilbh, Shona NicDhòmhnaill

A rèir a' Bhaltimore American and Commercial Adviser:, taobh a-muigh

"Bha coltas gun robh an solas a' còmhdach nan nèamhan air fad, cha mhòr mar sgòth mòr, dealrach, agus tron sin bha na reultan fann a' deàrrsadh. Bha an solas na bu shoilleire na a' ghealach aig slànachd, ach bha e do-labhairt bog a' còmhdachadh gach nì dhan do bhuin e. Eadar meadhan-oidhche agus uair, nuair a bha an taisbeanadh aig àirde, bha sràidean sàmhach a' bhaile nan tàmh fon t-solas neònach seo, a' nochdadh coltas àlainn, gun samhail".

Mar sin, bha e brèagha. Ach, ann am badan eile, bha e ri miastadh.

Thug an rèididheachd làidir droch bhuaidh air na siostaman telegraph a bha gan cleachdadh aig an àm anns an Roinn Eòrpa agus Aimeireaga a Tuath. Fhuair cuid dhen luchd-obrach gathan dealain bhon uidheamachd ri linn, 's dh'adhbharaich lasairean bhon uidheamachd teintean ann an cuid de stèiseanan telegraph.

Nan tachradh rudeigin dhen aon mheud an-diugh, ann an saoghal a tha nas ceangailte na riamh roimhe tro loidhnichean conaltraidh agus saidealan, dh'fhaodadh buaidh mhòr a bhith aige.

Agus tha sin dearbhte. Anns a' Ghearran 2022, thug CME uimhir a bhuaidh air an talamh 's gun deach 38 saideal coimeirsealta a chall., taobh a-muigh

Mar sin, nuair a chì sibh àilleachd na Fir Chlis, gu h-àraid ma tha sibh fada gu deas, cuimhnich gum faod gath nach beag a bhith nan cois.