Ceum air adhart don dàrna cala domhain an Steòrnabhagh

Bàta-aiseig a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh a' dol seachad air a' chala domhain ùr le Gàrradh-togail Àranais
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann beagan deas air a' chiad chala domhain a bhios an dàrna fear air a thogail

  • Air fhoillseachadh

Thug Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) £1.8m don phròiseact gus dàrna cala domhain a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.

Tha an obair, luach £2.3m, ag amas air bunstructar a thogail ann airson nan cothroman a bhiodh an cois gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail - gu sònraichte aig muir.

Leigidh an goireas ùr le bàtaichean nas motha faighinn a-steach agus ceangal ann.

Bidh an leasachadh na bhuannachd don obair a tha a' dol aig Gàrradh Àranais a thaobh a bhith a' faighinn stuth thuca far shoithichean agus cuideachd far na làraich.

Tha an cala domhain a th' ann mar-thà trang le bàtaichean-turais as t-samhradh agus tha dòchas gum fàg dàrna cala domhain gum faod obair cumhachd na mara a bhith a' dol ann fad na bliadhna.

Tha dùil aig HIE gun cruthaich an leasachadh obraichean sgileil, gun cum e taic ri gnothachasan ionadail agus ri dreuchdan a mhaireas do dhaoine òga sna h-eileanan.

Cuiridh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, a tha air cùl a' phlana airson Cala Domhain a Deas, an còrr den mhaoineachadh a bhios a dhìth aig an ìre seo den leasachadh ris.

Tha àrd-oifigear Port Steòrnabhaigh, Ailig MacLeòid, ag ràdh gu bheil maoineachadh HIE "a' dearbhadh gu bheil misneachd ann an lèirsinn a' phuirt san ùine-fhada agus an t-àite as urrainn a bhith aig Steòrnabhagh ann an gnìomhachas cumhachd na gaoithe-mara ann an Alba".

"'S e ceum mòr air adhart a th' ann do Steòrnabhagh agus dha na h-Eileanan an Iar air fad," thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gum faod iad a-nis planaichean nas mionaidaiche a dhealbh agus a' chiad obair air an làraich a thòiseachadh.

'S i a' chompanaidh McLaughlin & Harvey a fhuair an cùmhnant.