"Tha e deatamach ceangal a bhith aig a' choimhearsnachd ri cò às a bheil ar biadh a' tighinn"

An Comh. Dòmhnall MacSuain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Comh. Dòmhnall MacSuain ag ràdh gu bheil àite cudromach aig an taigh-spadaidh sa choimhearsnachd

LeAilig John Moireasdan
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha e deatamach gum fuirich taigh-spadaidh Steòrnabhaigh fosgailte agus gum bi ceangal aig a' choimhearsnachd ri cò às a bheil am biadh aca a' tighinn, a rèir fhir de chomhairlichean nan Eilean Siar.

Tha Dòmhnall MacSuain, a tha e fhèin na chroitear, ag ràdh gur e goireas a th' ann air am biodh ionndrainn mhòr agus a bhiodh gu math duilich fhaighinn air ais nan dùnadh e.

Bha e a' bruidhinn agus Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh air a' mhìos a chaidh taic-airgid a chumail ris an taigh-spadaidh airson bliadhna eile.

Dh'aontaich Comataidh Poileasaidh agus Stòrais na Comhairle £60,000 a thoirt dhan taigh-spadaidh 'son na bliadhna-ionmhais ri thighinn, le seo a' tighinn à teachd -a-steach Oighreachd a' Chrùin.

'S e Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh an aon fhear am Breatainn a th' air a ruith le ùghdarras ionadail.

Chan eil na h-uimhir ga chleachdadh agus a b' àbhaist agus cosgaisean a' dol an-àirde a h-uile bliadhna.

Cha do rinn an goireas prothaid sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, le dùil ri call aig deireadh na bliadhna-ionmhais seo de £10,000.

Ach tha feadhainn ann an gnìomhachas a' bhìdh an Leòdhas a' cumail a-mach gu bheil iarrtas mòr ann fhathast airson na feòla a thig a-mach às an taigh-spadaidh.

Raibeart Mac a' Ghobhainn na sheasamh taobh a-muigh bùth W.J. MacDonald
Fo-thiotal an deilbh,

Raibeart Mac a' Ghobhainn

'S e Raibeart Mac a' Ghobhainn stiùriche nam bùidsearan W. J. MacDonald ann an Steòrnabhagh.

"As t-samhradh, bidh mòran a' tighinn agus a' faighneachd gu sònraichte airson feòil-uain agus feòil-mhairt Leòdhasach gu sònraichte," thuirt e.

"Bheireadh e a' bhuaidh as motha air croitearan nan dùineadh e.

"B' fheàrr leinn ar feòil fhaighinn an seo, ach feumaidh sinn dìreach obrachadh le dè a tha comasach."

Taigh-spadaidh

Tha cuid ge-tà air dragh a nochdadh mu a bhith a' cumail taic ris an taigh-spadaidh.

Aig a' choinneimh sa Ghearran, thuirt comhairliche Bharraigh is Bhatarsaigh, Coinneach MacIllEathain gun robh e "anfhoiseil" taic a thoirt do ghoireas Steòrnabhaigh gun an aon seirbheis a bhith aca aig deas.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt Comhairliche na Hearadh, Coinneach MacLeòid, a tha cuideachd na chroitear, gun robh uallach air-san mu na chaidh aontachadh cuideachd.

"Tha feum air taigh-spadaidh, tha fios aig a h-uile duine air a sin," thuirt e.

"'S e an t-uallach a th' ormsa, mar a tha e ga ruith an-dràsta gu bheil againn ri airgead a chur ris a h-uile bliadhna.

"Aig àm nuair a tha cùisean teann co-dhiù, feumaidh sinn a bhith deònach coimhead air dòighean eile air rudan a dhèanamh."

Tha còmhraidhean a' leantainn mu ciamar a b' fheàrr an taigh-spadaidh a ruith anns na bliadhnaichean ri teachd.

"Tha sinn a' dol a choimhead air na cothroman eile a th' ann airson an taigh-spadaidh," thuirt an Comh. MacSuain.

"Cha leig sinn a leas coimhead ri tìr-mòr. Feumaidh sinn dèanamh an rud a tha ceart dha na coimhearsnachdan agus na h-eileanan againne.

"Bu chòir dhuinn a bhith ag ràdh ri daoine air tìr-mòr - na goireasan a th' againn, ma tha gainnead sheirbheisean agaibhse, carson nach eil sibh a' tighinn a-nall."

Tuilleadh air an sgeulachd seo