Atharrachadh aodannan aig fir-tàileisg Museum nan Eilean

Tha an cruinneachadh gu lèir de 93 pìosan ga chumail aig Taigh-Tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn
- Air fhoillseachadh
Tha cuid eile de dh'Fhir-tàileisg Leòdhais air tilleadh a Steòrnabhagh à Lunnainn, 's na sia a th' air a bhith gan taisbeanadh aig Museum nan Eilean a' falbh a Thaigh-tasgaidh Bhreatainn airson obair rannsachaidh a dhèanamh orra.
Bidh an taisbeanadh ùr fosgailte bho an-diugh (Diardaoin an 19mh là den Mhàrt).
Tha na sia pìosan den chruinneachadh a chaidh a lorg air a thiodhlacadh ann an Ùige Leòdhais ann an 1831 air a bhith air iasad maireannach aig Museum nan Eilean bho 2012.
Tha 93 pìos anns a' chruinneachadh gu lèir, agus coltas ann gum buin iad do cheithir seataichean fa leth, a thuilleadh air pìosan bho gheamaichean eile.
'S e an cruinneachadh as motha san Roinn Eòrpa de stuthan air an dèanamh de dh'ìbhri uàlrais agus muice-mara anns na meadhan-aoisean, le dùil gum buin iad don 12na, no an 13mh Linn.

Chaidh an cruinneachadh de 93 pìosan de dh'ìbhri shnaidhte a lorg air Tràigh Eadar Dhà Fhadhal ann an Ùige Leòdhais ann an 1831
'S ann aig Taigh-Tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn a tha an còrr, agus tha cuid eile a' tighinn gu tuath a ghabhail àite nan sia sin an lùib pròiseict rannsachaidh mhòir ùir.
'S e glè bheag fiosrachaidh a th' ann ge-tà, air cho cudromach 's a bha iad nan là fhèin, ciamar a rinneadh iad, no cò às a thàinig an ìbhri.
Tha pròiseact rannsachaidh ùr air tòiseachadh an co-bhonn ri Oilthigh Throndheim ann an Nirribhidh, agus air a mhaoineachadh le Augmentum, a tha a' sealltainn ris na fir-tàileisg a th' ann an cruinneachadh Taigh-tasgaidh Bhreatainn.
Thèid sùil a thoirt air cò às a thàinig na stuthan leis an do rinneadh iad agus dè seòrsa obair a bha na lùib.
'S i an obair rannsachaidh a thèid a dhèanamh – leithid sgrùdadh dhealbhan, obair glèidhteachais, rannsachadh mu eachdraidh is dòighean taisbeanaidh, a bharrachd air sgrùdadh mionaideach eile – a' chiad phròiseact rannsachaidh mionaideach co-cheangailte ris na fir-tàileisg aig Taigh-tasgaidh Bhreatainn.

Bithear a' feuchainn ri dhèanamh a-mach ciamar a rinneadh na pìosan, agus cò às a thàinig an ìbhri, am measg rudan eile
"Bheir am pròiseact rannsachaidh seo tuigse ùr dhuinn air mar a chaidh Fir-tàileisg Leòdhais a dhèanamh agus dè na stuthan leis an deach an cruthachadh," thuirt Jill Cook, a tha na Neach-glèidhidh Roinn Bhreatainn, na h-Eòrpa agus Ro-eachdraidh aig Taigh-tasgaidh Bhreatainn.
"Tha e cuideachd a' toirt cothrom do dh'eileanaich is luchd-turais cruinneachadh ùr fhaicinn de na fir-tàileisg inntinneach seo.
"Tha e daonnan na thlachd is na bhuannachd a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean ann an Steòrnabhagh."
Fir-tàileisg gu bhith an Leòdhas
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios 2012
£735,000 'son fear-tàileasg. Bhideo, 00:01:29
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar 2019
Is coltach gu bheil seann, um... charaid, am measg an fheadhainn a tha a' tilleadh.
"Am measg nam pìosan ùra, tha Neach-caothaich (Berserker) an riochd Fhir-ghlèidhidh a nochd mu dheireadh ann am Museum nan Eilean, Steòrnabhagh ann an 2000, agus tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air 's e a' tilleadh còmhla ri càch," thuirt Oifigear Chruinneachaidhean aig Museum nan Eilean, Ashley Ferrier.
"Tha sinn air ar dòigh na fir-tàileisg a tha seo a chur dhan taisbeanadh againn agus tha fadachd oirnn gus am faic sinn toraidhean an rannsachaidh.
"Tha an luchd-tadhail againn gu math measail air na fir-tàileisg agus tha muinntir nan eilean a' dèanamh uaill mhòr asta."
Mairidh an taisbeanadh ùr sia mìosan, gus an till an fheadhainn a bh' ann san Lùnastal.