--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Na Fir-Tàileisg air ais an Ùig | ||||||||||||||||||||||
Thill cuid de dh' fhir-tàileisg Leòdhais air ais gu Ùig - far an deach an lorg ann an 1831. Bha sia de na pìosan aig Comann Eachdraidh Ùige tron là Dimàirt is taisbeanadh nas motha ann an Steòrnabhagh air tighinn gu ceann Diluain. Shoirbhich gu mòr leis an taisbeanadh le corr is 20,000 neach a' tadhal air bhon a thòisich e sa Ghiblean. A rèir chuid tha soirbheachas an taisbeanaidh ud a' sealltainn gum bu chòir cuid de na fir-tàileisg a bhith ann an Leòdhas làn-ùine. Nam measg tha fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Ailig Dòmhnallach. "Tha còrr is 80 aca ann agus chan eil mi a' faicinn gum biodh càil ceàrr le feadhainn a bhith ann an Ùig, feadhainn a bhith ann an Steòrnabhagh is feadhainn ann an Dùn Eideann no Lunnainn", thuirt e. Tha Comhairle nan Eilean Siar an drasta an lùib phlana gus Caisteal Leòdhais a leasachadh is taigh-tasgaidh a-measg nan goireasan ùra a tha san amharc. Thathar an dòchas gun rachadh cuid de na fir-tàileisg an sin nuair a bhios an goireas ùr deiseil. Thàinig Museum nan Eilean gu aonta air co-obrachadh mar tha ri Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus Taigh-Tasgaidh Bhreatainn. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Adhartas a thaobh na fir-tàlaisg a thilleadh a Leòdhas15 An Giblean, 2011 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||