BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 15 An Giblean, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:06 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Adhartas a thaobh na fir-tàlaisg a thilleadh a Leòdhas
Cuid de na fir-tàlaisg
Chaidh an lorg air tràigh ann an sgìre Ùige sna h-1830an
Tha fear de chomhairlichean sgìre Ùige ann an Leòdhas ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh adhartais nan iomairt co-dhiù cuid de dh'fhir-tàlaisg Leòdhais a thilleadh dhan eilean làn-ùine.

Bha Tormod Dòmhnallach a' bruidhinn agus taisbeanadh de chòrr is 30 de na pìosan a' fosgladh ann am Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Chan eil gin de na fir-tàlaisg, a chaidh a lorg sa ghainmhich air Tràigh Eadar-Dà-Fhadhail ann an Ùig sna h-1830an, gan taisbeanadh san eilean far an do lorgadh iad.

Thathas den bheachd gun deach an dèanamh ann an Nirribhidh san 12mh linn, agus iad air an snaidheadh ann an ìbhridh ualrais.

Tha a' chuid as motha dhiubh gan taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn.

Ach tha an Comh. Dòmhnallach ag ràdh gur dòcha gun gabhadh feadhainn dhiubh cumail ann an taigh-tasgaidh ùr a tha san amharc ann an Caisteal Leòdhais.

"Tha e math dha-rìribh a' faicinn nam fear-tàlaisg a' tighinn air chuairt chun nan Eileanan aon uair eile," thuirt an Comh. Dòmhnallach.

"Tha grunn bhliadhnaichean bho bha iad ann an seo ron a seo, agus tha mi a' smaoineachadh gur e comharra math a th' ann gu bheil uidhir aca a' tighinn an turas seo, agus gu bheil iad gu bhith ann chun an t-Sultain.

"Tha an t-argamaid a' fàs nas treise fad an t-siubhail, airson co-dhiù feadhainn aca a bhith stèidhichte sna h-Eileanan làn-ùine.

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh cothrom ann leis an leasachadh a thathas a' dol a dhèanamh air Caisteal Leòdhais, ma 's e 's gun tig leinn le sin, dachaigh a thoirt dhaibh a dh'fhaodas iad fuireach ann fad na h-ùine - co-dhiù feadhainn aca," thuirt e.

Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy