Seachdain gus feadhainn a tha a' dèanamh diofair sa choimhearsnachd a chur air adhart

Duaisean Dèan Diofar 2026
  • Air fhoillseachadh

Tha duaisean Dèan Diofar a' BhBC air ais agus chan eil agaibh ach seachdain a-nise gus tagraidhean a chur a-steach.

Thathas ag iarraidh air a' phoball daoine a th' air obair iongantach a dhèanamh anns na coimhearsnachdan aca a chur air adhart airson duais.

Nam measg tha duais shònraichte aig BBC Radio nan Gàidheal, a fhuair Seonag NicAnndrais an-uiridh airson a cuid saothrach sa choimhearsnachd.

Seonag NicAnndrais a' faighinn na duaise aice an-uiridh bho Chathy NicDhòmhnaill
Fo-thiotal an deilbh,

Seonag NicAnndrais a' faighinn na duaise aice an-uiridh bho Chathy NicDhòmhnaill

"Tha duaisean Dèan Diofar ag amas air daoine àbhaisteach a tha a' dèanamh rudan neo-àbhaisteach anns na coimhearsnachdan aca fhèin," thuirt Alasdair Friseal, bho sgioba choimiseanaidh Radio nan Gàidheal.

"Airson na daoine sin a chomharrachadh, gum faigh iad beagan molaidh, beagan aithne airson na tha iad a' dèanamh."

'S e 2025 a' chiad uair a bha na duaisean ann ann an Alba is duais shònraichte ann airson BBC Radio nan Gàidheal.

Tha ochd diofar roinnean ann a-rithist am-bliadhna.

Ma tha daoine a' smaoineachadh gu bheil duine as aithne dhaibh airidh air duais anns na roinnean a th' ann, faodar an cur air adhart airson duais air làrach-lìn nan duaisean.

"Aon uair 's gum bruth sibh air an roinn, feumar Alba a thaghadh mar dhùthaich, agus BBC Radio nan Gàidheal a thaghadh mar stèisean rèidio," thuirt Alasdair.

"An sin 's urrainn dhuibh fiosrachadh a lìonadh a-steach mun neach a tha sibh a' dèanamh tagraidh air a shon. Tha e cho sìmplidh sin. Bheir e beagan mionaidean."

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig cuirm ann an Glaschu nas fhaide den bhliadhna.