"Èirich, cuir romhad a dhèanamh agus dèan e!"

Seonag le Duais Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal
- Air fhoillseachadh
'S i Seonag NicAnndrais a tha air Duais Dèan Diofar BBC Radio nan Gàidheal a bhuannachadh.
Chaidh an duais a thoirt dhi gu h-oifigeil aig cuirm ann an Glaschu.
'S e an obair a rinn Seonag gu saor-thoileach airson faisg air 15 bliadhna do bhuidhnean carthannais gun dùil ri cliù neo cosnadh a dh'fhàg gun deach a cur air adhart.
Tha i ag ràdh gu bheil i "airson a chur air ais dhan choimhearsnachd airson buidhnean beaga nach eil a' faighinn dad".
"Tha e a' toirt toileachais dhomh," thuirt i.
Tha i a' tomhas gu bheil na cèilidhean, rafailean agus tachartasan eile a chuir i air dòigh air timcheall air £50,000 a thogail.
A bharrachd air airgead a thogail tha i ag radh gu bheil i "a' cur ri beatha nan Gàidheal" an Inbhir Nis le bhith a' toirt cothrom dhaibh tighinn còmhla mar a chleachd.
"Cha bhi coibhneas aig daoine mar a th' aig Gàidheil agus na h-Eileanaich," tha Seonag ag ràdh.

Ceitidh Ann NicThòmais (clì) còmhla ri buill eile de Sgioba Seonaig
"Tha i còir, càirdeil, spòrsail, daingeann - ma tha i airson càil a dhèanamh - eirmseach agus bheireadh i gàire air duine sam bith."
Chuir Ceitidh Ann NicThòmais eòlas air Seonag nuair a ghluais i a dh'Inbhir Nis an toiseach agus tha i an sàs ann an "Sgioba Seonaig" a' cumail taic rithe.
"Tha i airidh air an duais seo oir tha i air tòrr obrach a dhèanamh."
Thuirt Ceitidh Ann gu bheil i air a bhith nas trainge buileach on bha Covid ann.
"Bhiodh i a' dèanamh bèicearachd gus silidh a-staigh agus bhiodh i a' falbh agus a' fàgail stuth aig dorsan dhaoine.
"'S dòcha gum fosgladh tu doras agus bhiodh cèic romhad aig an doras agus bha i a' dèanamh sin fad a' ghlasaidh."

Bidh Seonag a' cumail pàrtaidh sa ghàradh aice dhaibhsan a bhios a' cumail taic rithe san obair charthannais
Thàinig Kathleen Mhoireach a dh'fhuireach ann an Inbhir Nis bho chionn ochd bliadhna.
Bha i a' roimhe an sàs ann a bhith a' cur air dòigh nam mòdan ionadail an Cille Bhrìghde an Ear.
"Bhiodh sinn a' bruidhinn ri Seonag air a' fòn agus cha robh càil a dh'fhios againn cò a bh' innte."
Bhon ghluais i a dh'Inbhir Nis tha i air eòlas a chur air Seonag.
"Tha uiread de phlòigh innte agus tha i cho còir. Cha d' fhuair mise seachad air na bha i a' dèanamh do dhaoine eile," thuirt Kathleen.

Tha Kathleen Mhoireach a' moladh na bhios Seonag "a' dèanamh do dhaoine eile"
Tha an seinneadair Fiona J NicCoinnich ag obair còmhla ri Seonag ann an oifis a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an Inbhir Nis.
Chuir i eòlas an toiseach oirre ge-tà, nuair a bha Seonag a' dèanamh nan deuchainnean cànain dhaibhsan a bha airson a bhith a' seinn aig a' Mhòd sna farpaisean mòra.
"Tha i ag obair fad an là, fad na h-oidhche fiù 's, airson nan tachartasan agus tha sinn daonnan a' coimhead air adhart ris an ath-thachartas.
"Tha i daonnan a' beachdachadh air cò as motha a tha feumach air an airgead a thogas i.
"'S e boireannach sònraichte a th' innte," thuirt Fiona.

Tha Fiona J NicCoinnich ag ràdh gur "e boireannach sònraichte" a th' ann an Seonag
Thuirt Seonag gur e urram mòr a bh' ann a bhith i air geàrr-liosta Duaisean Dèan Diofar aig Radio nan Gàidheal is i a-nise air an duais fhèin a bhuannachadh.
Tha feallsanachd shìmplidh aice airson daoine a bhrosnachadh.
"Èirich, cuir romhad a dhèanamh agus dèan e!
"Fhad 's a bhios mo shlàinte agam agus tha làithean agus i caran cugallach ach tha mi ag èirigh agus tha mi a' dèanamh mo dhìchill."
Thuirt Seonag gun robh i air a dòigh buannachadh is gun robh a h-uile duine air an liosta airidh air duais.
'S i an rothaiche Kerry Nic a' Phì a bha na britheamh 'son nan duaisean is i ag ràdh gun robh an taghadh seo nas duilghe na rèis sam bith a rinn i.
Chaidh àrd-mholadh a dhèanamh air an fheadhainn eile a bha air a' gheàrr-liosta, Iain 'Brownie' Moireasdan, Lorna NicCarmaig, is Comataidh Rannsachadh Aillse UK ann an Leòdhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2025

- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain 2025
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2025
