Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

  • Air fhoillseachadh

Iran

Tha Iran ag ràdh gun deach amas air dà ghoireas gas agus air loidhne pìoba san dùthaich le ionnsaighean adhair, beagan uairean an uaireadair às dèidh don Cheann-suidhe Trump innse gun rachadh stad rè ùine a chur air an leithid. Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil còmhraidhean air a bhith a' dol eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran, ged a tha coltas ann gu bheil iad aig ìre uabhasach fhèin tràth.

Reeves

Tha a' mhì-chinnt mun chogadh san Ear-Mheadhanach a' toirt buaidh air prìs na h-ola agus i air a dhol os cionn £100 am baraille uair eile. Tha seo a' tighinn agus dùil ri fios bhon t-Seansalair mun bhuaidh a tha e a' toirt air an eaconomaidh an seo. Tha dùil cuideachd gum foillsich Rachel Reeves an seòrsa taic a bhios ri fhaighinn ma dh'fhaoidhte airson dachannan nuair a thig an cuibhreachadh a th' air prìsean gas is dealain an-dràsta gu crìoch san Ògmhios.

Dìon air coimhearsnachdan Iùdhach

Thuirt ceannard na buidhne poilis an aghaidh cheannairc san Rìoghachd Aonaichte gu bheil 200 oifigear a bharrachd gan cur gus dìon a chur air coimhearsachdan Iùdhach. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh ceithir carbadan-eiridinn a bhuinneadh do choimhearsnachd Iùdhach ann an ceann a tuath Lunnainn a chur nan smàl ann an uairean beaga na maidne an-dè. Thuirt na poilis gu bheil iad a' dèanamh rannsachaidh feuch an robh gnothach aig buidheann Islamach le ceangal ri Iran ris an ionnsaigh sin.

Lighichean-sprèidh

Tha Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean air planaichean fhoillseachadh feuch prìsean lighichean-sprèidh a dhèanamh nas cothromaiche. Bidh aca ri bhith nas fhollaisiche a thaobh nam prìsean aca agus bidh cuibhreachadh air cuid dhiubh. Tha seo a' tighinn às dèidh dha tighinn am follais gun robh prìsean ag èirigh a dhà uimhir nas luaithe na an atmhorachd. Tha dùil gun tèid iad seo a chur an sàs nas fhaide air a' bhliadhna.

Ealain

Tha dùil gum bhòt comhairlichean sna h-Eileanan an Iar an-diugh fhathast air plana gus atharrachadh mòr a thoirt air mar a tha iad a' cumail taic-airgid ris na h-ealain. Chaidh leasachadh a thoirt air na planaichean às dèidh cho mì-thoilichte 's a bha daoine mu na gearraidhean a chaidh fhoillseachadh roimhe. Ma thèid gabhail ris a' mhodail ùr mar a thathar an dùil, thèid maoin-airgid fhosgladh 'son tagraidhean cho tràth ris an ath-sheachdain.

Beathaichean

Tha na poilis air a' Ghàidhealtachd a' cur an cuimhne dhaoine an cuid chon a chumail fo smachd ma tha iad faisg air beathaichean, 's àrdachadh a' tighinn air an àireamh chùisean far an deach beathaichean a ruaigeadh sna beagan sheachdainean mu dheireadh. Tha iad gu seachd àraid a' sireadh fiosrachaidh mu mar a chaidh caora a mharbhadh agus agus tè eile a ghoirteachadh air talamh ionaltraidh ann an Geàrrloch uaireigin eadar 5:00f Dihaoine agus 6:30f Disathairne. Tha iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dhol thuca.