Dithis fo chasaidean dhrugaichean sna Hearadh

MV Clansman aig a' chidhe air an Tairbeart, Na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dithis a chur ann an grèim agus fo chasaid an dèidh mar a chaidh drugaichean mì-laghail luach suas ri £67,500 a lorg le oifigearan poilis anns na Hearadh.

Mu 2:25f Diluain 23mh den Mhàrt 2026, chaidh oifigearan air bòrd bhàt'-aiseig aig a' chidhe air an Tairbeart far an do lorg iad na drugaichean agus suim airgid trì figearan. Thathar a' creidsinn gur e cocain a th' anns an druga.

Chaidh fireannach aois 48 agus boireannach aois 37 a chur fo chasaid. Chaidh an saoradh agus feumaidh iad nochdadh air beulaibh Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh uaireigin fhathast.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thuirt an Detective Inspector Andy Bilton: "Tha seo a' sealltainn mar a tha sinn ag iarraidh sabaid an aghaidh eucoirean den t-seòrsa seo air feadh nan Eileanan an Iar".

Thuirt Mgr Bilton gun robh PD Viv an cù dhrugaichean aca a' cuideachadh a' PhC Calum Iain Dòmhnallach ris a bheil i an urra anns an iomairt. Thuirt e gun robh a sgilean sònraichte air leth cudromach.

Dh'iarr e air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dhrugaichean no cò a tha gan reic anns na h-eileanan, fios a chur gu na Poilis. Thuirt e cuideachd gur ann le bhith ag obrachadh còmhla "a gheibhear làmh an uachdar air an dol-a-mach olc seo".

Faodar fios a chur gu na Poilis air 101, no tro Chrimestoppers air 0800 555 111.

Tuilleadh air an sgeulachd seo