Naidheachdan 10:00m
Caolas Hormuz
Tha Sir Keir Starmer a' cumail coinneimh èiginnich de chomataidh Cobra an riaghaltais feasgar gus bruidhinn air buaidh eaconomaich a' chogaidh san Ear-Mheadhanach. Tha dùil gum bi focas air tèarainteachd a' chumhachd t-sàilleibh an àrdachaidh air prìs na h-ola. Tha seo a' tighinn 's an Ceann-Suidhe Trump air maoidheadh ionnsaigh a thoirt air bun-structar chumhachd Iran mura fosgail iad Caolas Hormuz ro a-nochd.
Bochdainn Connaidh
Tha iarrtas air nochdadh gun rachadh airgead a chosg gus dachannan air a' Ghàidhealtachd a dhèanamh nas èifeachdaiche a thaobh chumhachd mar dhòigh gus an cuideachadh le buaidh a' chogaidh air prìsean. Thèid aithisg a chur air beulaibh chomhairlichean Gàidhealach air an t-seachdain seo a tha ag ràdh gu bheil cha mhòr an dara cuid de dhachannan na sgìre ann am bochdainn connaidh cheana, agus gu bheil e riatanach gun tèid còmhdach blàthachaidh nas fheàrr a chur anns na dachannan as sine.
Golders Green
Tha Sir Keir Starmer ag ràdh gu bheil e "air uabhasachadh" leis an ionnsaigh a chaidh a thoirt air carbadan-eiridinn na seirbheis Iùdhaich ann an ceann a tuath Lunnainn. Chaidh ceithir dhiubh a chur nan teine ann an uairean beaga na maidne aig Golders Green. Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh cho fad 's is fiosrach leinn, ach thuirt na Poilis gu bheil iad a' dèiligeadh ris mar eucoir ghràin an aghaidh nan Iùdhach.
New York
Tha na h-ùghdarrasan anns na Stàitean Aonaichte ag ràdh gun deach dà phìleat a bh' air bòrd an itealain a bha an sàs ann an tubaist le einnsean-smàlaidh aig Port-Adhair LaGuardia ann an New York a mharbhadh. Bha an t-itealan Air Canada Express air tighinn o Mhontreal nuair a thachair an tubaist air an raon-laighe. Chaidh còrr air 40 duine a bh' air bòrd a thoirt don ospadal le cuid dhiubh air an droch ghoirteachadh 's tha am port-adhair dùinte air a shàilleibh.
Renee NicRath
Tha na Poilis agus muinntir an Airm an dùil sgrùdadh ùr a dhèanamh feuch lorg fhaighinn air cuirp Renee NicRath 's a mac Anndra cha mhòr 50 bliadhna o chaidh iad a dhìth. Chaidh Uilleam MacDhùghaill a dhìteadh airson am muirt ann an 2022, 's dh'eug e còig mìosan às dèidh sin 's e gun innse na thachair dhaibh. Thuirt Ministreachd an Dìon gu bheil an t-Arm a' toirt taic do Phoileas Alba agus do Bhuidhinn Nàiseanta na h-Eucoir às dèidh dhaibh iarrtas fhaighinn.
Am BBC
Tha dùil gu tèid seann cheannard Google Matt Brittin ainmeachadh gu dreuchd an Àrd-Stiùiriche aig a' BhBC nas fhaide air an t-seachdain. Tha dùil gun tèid e an àite Tim Davie, a bh' air innse aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun robh e a' fàgail a dhreuchd t-sàilleibh mar a chaidh pìosan de dh'òraid a' Chinn-Suidhe Trump a ghearradh ri chèile air prògram Panorama.