"Chan eil annam ach balach à Leòdhas - chan eil rudan den t-seòrsa seo a' tachairt rium"

StephenTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha Leòdhasach òg a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dha soirbheachadh anns na Traitors air BBC 1 air beulaibh nam milleanan mòra.

Chaidh Stephen a thaghadh mar thraoidhtear aig fìor thoiseach a' gheama air Là na Bliadhn' Ùire.

Stephen is Rachel le Claudia Winkleman às dèidh dhaibh buannachadh.Tùs an deilbh, PA

Ged a bha teas air aig amannan tron t-sreath, ràinig Stephen an là mu dheireadh is air a' cheann thall cha robh air fhàgail ach e fhèin, Rachel - a bha cuideachd na traoidhtear, is Jack.

Às dèidh do Rachel is Jack bhòtadh 'son càch a chèile bha an gnothach air fad air fhàgail ann an làmhan Stephen.

The Traitors. Series 4: 12. The Final

Cuairt dheireannach nan Traoidhtearean is sùilean nam muilleanan air a' Ghàidhealtachd

Bha e dìleas dhan traoidhtear eile ge-tà is e fhèin is Rachel a' soirbheachadh is a' roinn £95,750 eatorra.

Thuirt Stephen às dèidh làimh gun dèan an t-airgead diofar mòr dha fhèin is a theaghlach.

"Chan eil annam ach balach à Eilean Leòdhais, chan eil rudan den t-seòrsa seo a' tachairt rium," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo