Am bi làmh an uachdair fhathast aig an Traoidhtear à Leòdhas?

Dealbh oifigeil de Stephen, le caisteal Gàidhealach air a chùlaibh, bhon phrògam The Traitors
  • Air fhoillseachadh

Tha fear à Leòdhas air faighinn troimh dhan chuairt dheireannaich den fharpais The Traitors air a' BhBC.

Chaidh Stephen a thaghadh le preasantair a' phrògraim, Claudia Winkleman, mar thraoidhtear aig toiseach a' gheama air Là na Bliadhn' Ùire.

'S e obair Stephen agus na traoidhtearan eile faighinn cuidhteas nam farpaiseach dìleas le bhith gam "murt" an dubh dorchadas na h-oidhche, agus toirt air càch earbsa a bhith aca annta mar dhìlsich.

Tron là, tha dùbhlain aca mar sgioba airson airgead a thional; tha duais luach suas ri £120,000 ri buannachadh.

Thèid i gu dìlseach neo dìlsich ma gheibh iad a-mach cò nam measg a tha a' feuchainn ris a' char a thoirt asta.

Ma tha traoidhtear neo traoidhtearan fhathast ann aig deireadh a' gheama 's iadsan a gheibh an t-airgead.

Tha Stephen air cliù fhaighinn on thòisich an geama airson a chuid aodaich agus an stoidhle shnasail aige.

Chrìochnaich an dàrna prògram mu dheireadh oidhche Ardaoin le ceist mhòr - a bheil an traoidhtear eile, Rachel, fhathast gu bhith còmhla ris sa chuairt dheireannaich?

Fhuair i fhèin agus fear James a tha dìleas bogsa an urra; chan eil ach aon sgiath bheag ann am fear aca a bheir dìon don chluicheadair.

Cò aca a fhuair an dìon, agus cò na bhios air fhàgail sa gheama a nì a' chùis air a' cheann thall?

Ma tha Rachel fhathast ann am feuch i ri Stephen a chur a-mach agus an geama a bhuannachadh leatha fhèin, agus am bi Stephen deònach an ceum as mealltaiche a ghabhail agus a chùl a chur rithe?

Neo, an obraich na caraidean dìleas aca a-mach gu bheil an dithis air a bhith gam mealladh agus ri miastadh fad an t-siubhail?

Gheibh sinn a-mach a-nochd fhathast sa phrògram mu dheireadh air BBC1 aig 8:00f agus air iPlayer a' BhBC.