An MV Isle of Islay air a slighe a dh'Alba

An MV Isle of Islay a' fàgail na TuirceTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

An MV Isle of Islay aig toiseach na bhòidse aice às an Tuirc a dh'Alba

  • Air fhoillseachadh

Tha tè de na bàtaichean-aiseig a tha gan togail do ChalMac san Tuirc a-nis a' seòladh a dh'Alba.

Chaidh an MV Isle of Islay a thoirt gu foirmeil do CMAL, a' bhuidheann leis a bheil bàtaichean-aiseig ChalMac, an t-seachdain a chaidh.

Tha criutha ChalMac air bòrd agus tha dùil gum bi mu chola-deug fhathast mus ruig iad Alba.

Bidh iad a' dol a-steach do dhà neo trì calachan Eòrpach air an t-slighe dhachaigh a rèir na dh'fheumas iad de chonnadh.

Bheir e cothrom do mharaichean ChalMac eòlas a chur air an t-soitheach agus trèanadh fhaighinn, agus leanaidh sin nuair a ruigeas iad Alba.

Thèid deuchainnean mara eile a dhèanamh aig grunn phuirt agus calachan mus tèid am bàta-aiseig ann an seirbheis.

'S ann air slighe Ìle a bhios i agus thèid tachartas coimhearsnachd a chumail airson fàilte a chur oirre.

Bidh cuirm ann airson a h-ainmeachadh gu h-oifigeil.

'S e an MV Isle of Islay a' chiad tè de cheithir bàtaichean-aiseig a thathas a' togail aig Gàrradh Cemre san Tuirc.

Tha dùil gum bi an ath-thè, an MV Loch Indaal, deiseil an ath-bhliadhna. Bidh i sin cuideachd air slighe Ìle.