Sealladh air bòrd an MV Isle of Islay

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 13, Taobh a-staigh an MV Isle of Islay, Tha cothroman gu leòr gu bhith aig daoine a tha siubhal eadar Ìle, Diùra is tìr-mòr na h-Alba seallaidhean fhaicinn air an t-slighe
  • Air fhoillseachadh

Seo na tha a' fèitheamh air luchd-siubhail air an MV Isle of Islay, an soitheach às ùire aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn.

Bidh an soitheach, a ghabhas 450 luchd-siubhail agus 100 càr no 14 làraidh, a' seòladh air slighean Ìle is Diùra.

Chaidh cuirm a chumail an t-seachdain a chaidh aig gàrradh Cemre ann an Yavlova san Tuirc airson a toirt seachad gu foirmeil do CMAL, leis a bheil bàtaichean-aiseig ChalMac.

Feumaidh Cal Mac na criuthaichean fhaighinn eòlach oirre, agus deuchainnean cala a dhèanamh leatha.

Mar sin dheth, tha dùil rithe ann an seirbheis às t-earrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo