Dàil eile air an MV Isle of Islay

MV Isle of IslayTùs an deilbh, CMAL
  • Air fhoillseachadh

Tha dàil a bharrachd air tighinn air bàt-aiseig ùr do dh'Ìle a tha ga togail san Tuirc.

Thuirt CMAL gu bheil iad fhathast an dòchas gun gabh iad sealbh air an MV Isle of Islay ron Nollaig, ach thug iad rabhadh seachad gur e "dùbhlan" a bhiodh ann.

Bha CMAL air innse roimhe do bhuill aig Holyrood gun robh iad an dùil gun deadh an soitheach a thoirt seachad san t-Samhain, mus tòisicheadh i air an turas dà sheachdain a dh'Alba.

Thuirt a' bhuidheann, a bhuineas do Riaghaltas na h-Alba, gu bheileas fhathast a' dèilgeadh ris na h-uimhir de rudan mus gabh an soitheach a shoidhneadh dheth le riaghladairean anns an Rìoghachd Aonaichte.

'S e an MV Isle of Islay a' chiad tè de cheithir bhàtaichean 95 meatar de dh'fhaid a tha gan togail dha CalMac aig gàrradh Cemre anns an Tuirc.

Thèid a cur air an t-slighe eadar Ìle agus Ceann na Creige.

Chaidh a cur air bhog sa Mhàrt an-uiridh mus deach deuchainnean a dhèanamh oirre air Muir Marmara san Tuirc.

Nuair a chaidh an cùmhnant a thoirt seachad bha dùil gum biodh i deiseil san Damhair an-uiridh, ach thàinig sreath de dhuilgheadasan san rathad air sin, le CMAL ag ràdh gur ann ceangailte ri gainnead luchd-obrach agus stuthan togail a bha iad sin.

Taobh a-staigh an MV Isle of IslayTùs an deilbh, CMAL

Ann an litir a sgrìobh iad gu comataidh net-zero, cumhachd agus còmhdhail Pàrlamaid na h-Alba, thuirt CMAL gun do rinn Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) suirbhidh deireannach san t-seachdain mu dheireadh den Dàmhair, 's gu bheil an gàrradh a' dèiligeadh ri cùisean a thog sin.

Tha dùil gun dèan luchd-sgrùdaidh an MCA suirbhidh eile air an 8mh là den Dùbhlachd.

"Ma thèid a h-uile càil gu math, tha an gàrradh ag amas air an MV Isle of Islay a thoirt seachad ron Nollaig," thuirt CMAL san litir aca.

"'S e dùbhlan a bhios an sin, ach tha CMAL, CalMac, Cemre agus na h-ùghdarrasan riaghlaidh uile ag obair gu cruaidh agus ann an co-bhann a dh'ionnsaigh an targaid seo a ruighinn airson an soitheach a thoirt seachad dìreach ro shaor-làithean na Nollaige."

Air an t-slighe a dh'Alba feumaidh an soitheach cur a-steach aig Gibraltar airson connadh a thoirt air bòrd mus tèid i a-mach dhan Atlantaig agus tuath tarsainn Bhàgh Biscay.

Feumaidh an uair sin, an dèidh dhi Alba a ruighinn, deuchainnean a dhèanamh aig diofar phort ach am faigh criuthaichean eòlas oirre, agus feuch an obraich i aig diofar chidhichean, mus tòisich i ann an seirbheis.

Tha obair a' leantainn aig Cemre air an MV Loch Indaal, a thèid cuideachd a chur air slighe Ìle, agus air dà shoitheach eile - an MV Lochmor agus an MV Claymore, a thèid a chur air slighean nan Eilean Siar.

Thuirt CMAL gu bheil cosgaisean a' phròiseict fhathast a rèir a' bhuidseit.