Dàil às ùr air tè de bhàtaichean-aiseig ùra do dh'Ìle

An MV Isle of Islay Tùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun tòisich an Isle of Islay air an t-slighe eadar Ceann na Creige agus Ìle ro dheireadh na bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Dhearbh CMAL nach bi na deuchainnean mara air an MV Isle of Islay uile seachad aig deireadh an t-Sultain am-bliadhna mar a bha dùil.

Tha an soitheach ga togail, còmhla ri trì bàtaichean eile do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn, thall san Tuirc.

Chaidh an Isle of Islay a chur air bhog sa Mhàrt an-uiridh.

Bha dùil rithe an toiseach aig deireadh 2024 agus chan e seo a' chiad dàil oirre bho bhith a' ruighinn uisgeachan Albannach.

Ann an litir gu Neach-gairm Comataidh na Còmhdhail am Pàrlamaid na h-Alba, Eideard Mountain BPA, thuirt CMAL gun innseadh iad ron 30mh den t-Sultain cuin a dh'fhaodadh dùil gum bi an Isle of Islay aca.

Mhìnich CMAL gun deach deuchainnean mara a dhèanamh ann am Muir Mharmara ach nach do thachair na deuchainnean a nì iad fhèin mus gabh iad ris an Isle of Islay.

Tha iad an dòchas gun tachair sinn am meadhan an t-Sultain.

Thuirt iad gu robh iad mothachail gum feum iad an soitheach a lìbhrigeadh a chùm math nan coimhearsnachdan eileanach cho luath 's a ghabhas.

Thuirt iad nach eil dùil aca ri duilgheadasan sam bith ach nach bi an t-aiseag ann an làmhan CMAL aig deireadh an t-Sultuin mar a bha dùil bho thùs.

Gheall iad barrachd fiosrachaidh ro dheireadh na mìos.

'S e an Isle of Islay a' chiad bhàta-aiseig de na ceithir a thathas a' togail san Tuirc a bhios deiseil.

Chaidh an MV Loch Indaal, a bhios cuideachd a' frithealadh Ìle a chur air bhog as t-samhradh an-uiridh.

Chaidh an treas bàta, an MV Lochmor a chur air bhog o chionn ghoirid aig gàradh Cemre.

Bidh i sin agus an MV Claymore, an ceathramh soitheach a tha Cemre a' togail, a' seòladh eadar Ùige agus Loch nam Madadh agus Ùige agus An Tairbeart.