MV Isle of Islay le CMAL

- Air fhoillseachadh
Chaidh a' chiad tè de cheithir bàtaichean-aiseig ùra a tha gan togail san Tuirc, an MV Isle of Islay, a thoirt seachad do CMAL.
Tha dùil a-niste gum fàg i an Tuirc an ath-sheachdain, 's gun toir i cola-deug Alba a ruighinn.
Feumaidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn an uair sin criuthaichean a dhèanamh eòlach oirre, agus deuchainnean cala a dhèanamh leatha.
Mar sin dheth tha dùil rithe ann an seirbheis as t-earrach.
Bàta-aiseig ùr Ìle ga cur air bhog
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt 2024
Deuchainnean Marmara an MV Isle of Islay
- Air fhoillseachadh22 An t-Iuchar 2025
Dàil às ùr air tè de bhàtaichean-aiseig ùra do dh'Ìle
- Air fhoillseachadh1 An t-Sultain 2025
Bidh an soitheach, a ghabhas 450 luchd-siubhail agus 100 càr no 14 làraidh, a' seòladh air slighean Ìle is Diùra.
Chaidh cuirm a chumail aig gàrradh Cemre ann an Yavlova san Tuirc airson a toirt seachad gu foirmeil do CMAL - a' bhuidheann riaghaltais leis a bheil bàtaichean-aiseig ChalMac.
Bha dùil an toiseach gun deadh a toirt seachad san Dàmhair 2024, ach thàinig maill an dèidh maille air sin, agus cion luchd-obrach is stuthan togail gan coireachadh.
Bha CMAL air innse san t-Samhain gun robh iad an dòchas gun gabhadh iad sealbh air an MV Isle of Islay ron Nollaig, ach gur e "dùbhlan" a bhiodh ann.
Tha dùil gun tèid an dàrna soitheach ùr airson slighean Ìle, an MV Loch Indaal, a thoirt seachad an ceann sia mìosan eile, agus obair a' leantainn air dhà eile a bhios air slighean Loch nam Madadh agus an Tairbeirt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An Cèitean 2025

- Air fhoillseachadh2 An Dùbhlachd 2025

