Cathraiche ùr air Bòrd na Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Chaidh an t-Oll Rob Dunbar ainmeachadh mar chathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig.
'S ann à Canada bho thùs a tha an t-Oll Dunbar is tha e air a bhith an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig fad iomadh bliadhna.
'S e fear-lagh a th' ann is e an-diugh na ollamh ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Tha an t-Oll Dunbar na eòlaiche air Comhairle na h-Eòrpa a thaobh mion-chànanan agus còraichean mhion-shluaghan.
Tha e air a bhith na bhall de Bhòrd na Gàidhlig bho 2023, is ballrachd air a bhith aige ron sin cuideachd.
Tha an t-Oll Dunbar a' dol an àite Màiri NicAonghais, a bha grunn bhliadhnaichean na cathraiche air a' Bhòrd.
Aig an dearbh àm, dhearbh Riaghaltas na h-Alba cuideachd gun deach Raibeart MacFhionghain na bhall de Bhòrd na Gàidhlig.
'S ann às na h-Eileanan an Iar a tha teaghlach Mhgr MhicFhionghain agus tha e an-dràsta a' roinn a chuid ùine eadar na Hearadh agus Dùn Èideann.
Bha e roimhe na àrd-oifigear aig Turasachd Innse Gall.
Thuirt an riaghaltas gu bheil Mgr MacFhionghain air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig fad deich bliadhna.