Fear à Leòdhas - dìleas neo mealltach?

Stephen, fear à Leòdhas a tha a' gabhail pàirt sna Traitors
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Stephen à Steòrnabhagh air aon de na 22 daoine a bhios a' farpais san t-sreath ùr de Na Traitors

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach à Steòrnabhagh ainmeachadh mar aon de na 22 farpaisich a tha cruinn còmhla ann an caisteal air a' Ghàidhealtachd san t-sreath ùr de phrògram a' BhBC, The Traitors.

Tha Stephen, 32, ag obair ann an Lunnainn mar Eòlaiche Tèarainteachd Shaidhbeir ach tha obair gu tur ùr gu bhith aige sa gheama mu mhisneachd agus mealladh.

'S i Claudia Winkleman a tha os a chionn agus 's ann aice-se a tha an cumhachd taghadh cò na cluicheadairean dìleas a bhios ann agus cò na traoidhtearan, an fheadhainn a dh'fheumas am mealladh agus am fuadach.

Sa chiad phrògram oidhche Aordaoin bha Stephen am measg nan Traoidhtearan a thagh i.

Mus do thòisich an sreath as ùire seo bha Stephen air a ràdh gur e bhith mar Thraoidhtear "an dòigh as fheàrr airson smachd a bhith agad air a' gheama".

Tha duais luach £120,000 ri buannachadh. Thèid i gu dìlseach neo dìlsich ma gheibh iad a-mach cò nam measg a tha a' feuchainn ris a' char a thoirt asta.

Ma tha traoidhtear neo traoidhtearan fhathast ann aig deireadh a' gheama 's iadsan a gheibh an t-airgead.

Claudia Winkleman ann am meadhan an deilbh air a cuairteachadh leis an fheadhainn a bhios a' farpais sa cheathramh sreath de Na Traitors
Fo-thiotal an deilbh,

Claudia Winkleman air a cuairteachadh le farpaisich a' cheathramh sreath de Na Traitors

Tha Stephen den bheachd gum faod "am blas ionadail agam obrachadh nam fhàbhar."

"'S àbhaist do dhaoine a bhith a' cur earbsa annam gu math luath nuair a choinnicheas mi riutha an toiseach.

"'S dòcha gu bheil mi gam mhealladh fhèin 's mi a' faireachdainn gum faodadh gun dèan mi gu math ann.

"Tha eolas aig daoine mu mar a tha an geama ag obrachadh, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' ciallachadh gum feum ro-innleachd ùr, an ro-innleachd agad fhèin, a bhith agad," thuirt e.

Ma shoirbhicheas le Stephen tha e a' gealltainn airgead a chosg air a phàrantan a rinn na h-uimhir dha, agus e a' chiad duine san teaghlach a chaidh dhan oilthigh.

"Dhomh fhèin, tha mi air a bhith ann an Lunnainn airson ochd bliadhna a-nis agus tha mi aig an ìre far an còrdadh e rium taigh a cheannach," thuirt e.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Stephen agus mun fheadhainn a bhios a' farpais ris an seo.

Bidh an dàrna prògram den cheathramh sreath de The Traitors ri fhaicinn aig 8.00f a-nochd air BBC a h-Aon agus air iPlayer a' BhBC.