"'S e taigh-cèilidh a th' ann agus 's e sin a bha sinn ag iarraidh"

Teàrlach Wilson
  • Air fhoillseachadh

Am measg onghail gach pàrtaidh is preusant anns na làithean is seachdainean mu dheireadh, bha clach-mhìle bheag ach cudromach ann dha iomairt aig ìre na coimhearsnachd ann an Leòdhas.

'S ann san Dùbhlachd 2022 a dh'fhosgail An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh gu h-oifigeil.

Bha an fheadhainn air cùl a' phròiseict air iomairt a thòiseachadh ron sin is iad den bheachd gum bu chòir àite-cruinneachaidh a bhith sa bhaile le prìomhachas air a' Ghàidhlig - an dà chuid do mhuinntir an àite agus do luchd-tadhail.

Chuir iad romhpa "iomairt coimhearsnachd gun phrothaid" a chur air dòigh.

Aig cridhe ghnothaichean bha agus tha Teàrlach Wilson.

Bha iongnadh air Teàrlach nuair a thàinig e fhèin a Steòrnabhagh an toiseach nach robh a' Ghàidhlig na b' fhollaisiche sa bhaile.

Ged a nochd cuid ceistean bho thùs is dragh orra gum faodadh àite mar seo a bhith fuadan gu ìre, bha e follaiseach gu math sgiobalta gun robh taic ann airson na h-iomairt.

An Taigh Cèilidh

Bha taigh-cèilidh 'pop-up' ann as t-samhradh 2022 mus do dh'fhosgail e ceart air Sràid na h-Eaglaise aig deireadh na bliadhna.

Tha Mgr Wilson ag ràdh gun do rinn an sgioba rannsachadh mòr ro làimh a thaobh nan amasan a bhiodh aca is dè bhiodh daoine ag iarraidh.

Ach fiù 's leis an sin, tha e ag ràdh gu bheil iongnadh air a-rithist a-nise às dèidh trì bliadhna a thaobh dìreach cho soirbheachail 's a tha cùisean air a bhith is cho trang 's a tha iad.

Ged a thuirt e gu bheil amasan a' phròiseict gu math farsaing, tha e gu làidir den bheachd gur e dualchas na Gàidhlig ann an Leòdhas a th' aig cridhe a' ghnothaich.

A rèir an sgioba, tha e air obrachadh gu math gus ceanglaichean a stèidheachadh eadar daoine.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil ceangal ann eadar Gàidhlig agus sunnd," thuirt Teàrlach.

"Tha tòrr dhaoine a' tighinn a-steach aig a bheil Gàidhlig bho thùs. Tha iad air a bhith ag innse dhuinn gu bheil iad a' faireachdainn nas fheàrr air sgàth 's gu bheil iad a' cleachdadh a' chànain cho tric, nas trice na bha iad co-dhiù.

"An uairsin luchd-ionnsachaidh, tha iad a' tighinn a-steach cuideachd agus tha sinn a' faicinn gu bheil sin a' togail dhrochaidean eadar diofar sheòrsachan de luchd-labhairt.

"Daoine a tha fileanta, daoine aig a bheil an cànan bho thùs, luchd-ionnsachaidh agus fiù 's daoine aig nach eil facal Gàidhlig, tha iad a' tighinn a-steach agus tha iad a' bruidhinn ri muinntir na sgìre."

Mar-tha tha dàrna àite aca - an Taigh Coinneimh - is a rèir Theàrlaich fiù 's aig an sin, chan eil e an-còmhnaidh furasta an t-iarrtas a tha a' tighinn o dhaoine a choileanadh.

Ach ged a tha e ag ràdh gu bheil iad a' fàs "fad an t-siubhail", tha e cumail a-mach nach dìochuimhnich iad idir prionnsabal cudromach a tha air a bhith aca bho thùs.

"Tha e mar thaigh-cèilidh. 'S e taigh-cèilidh a th' ann agus 's e sin a bha sinn ag iarraidh - gum biodh daoine a' tighinn còmhla agus a' cabadaich."